Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Droinneadh do dh'Inbhir Nis nam Ban ann an Cupa na h-Alba
Briseadh-cridhe do sgioba nam ban aig Caley Thistle Inbhir Nis aig an taigh is Rangers a' dèanamh a' chùis orra 12-0 ann an Cupa na h-Alba.
Ach 's e deagh latha a bh' ann do bhall-coise nam ban sa sgìre le 1,031 duin aig a' gheama - an à ireamh a bu mhotha a-riamh airson geama eadar boireannaich sa bhaile mhòr.
B' e dùbhlan a bh' ann co-dhiù san treasamh chuairt dhen chupa le Rangers trì puingean air thoiseach aig mullach Prìomh Lìg nam Ban, dà lìog nas à irde na Inbhir Nis.
Bha na dusan tadhail aig Rangers air an roinn eadar ochdnar chluicheadairean; nam measg bha Rio Hardy aig an robh hat-trick agus Rachel Rowe agus Jane Ross a fhuair dhà an urra.
Ross a' tilleadh gu là idir
Thòisich Jane Ross a' chiad gheama aice do Rangers às dèidh 18 mìosan is i air a goirteachadh.
Thà inig i far na beinge an aghaidh Thobar na Mà thar aig toiseach na Dùbhlachd sa lìog agus chuir i tadhal leis a' chiad bhreab aice dhen bhall.
Chuir Ross faisg air uair a thìde seachad air a' phà irce air a' Ghà idhealtachd agus bha siud gu leòr airson tadhal eile fhaighinn - deagh shealladh do luchd-taic Rangers ma-thà .
Ach a dh'aindeoin gun do thuit Inbhir Nis a-mach às an fharpais, fhuair am manaidsear aca togail bhon à ireamh de luchd-taice a nochd aig a' Phà irce Chailleanach.
&±ç³Ü´Ç³Ù;¹óà ²õ&±ç³Ü´Ç³Ù;
"Cha robh mi an dùil gum biodh sluagh cho mòr ri seo ann - bha dùil agam gum biodh na ceudan ann ach le barrachd na mìle a' nochdadh, tha e a' sealltainn fàs ball-coise nam ban air a' Ghà idhealtachd," dh'innis Karen Mason, manaidsear Caley Thistle Inbhir Nis do là rach-lìn a' chluba.
"Gu follaiseach tha Rangers air buaidh mhath a dhèanamh air an aireamh de luchd-taic. Tha e math dha-rìribh a bhith a' cluich air beulaibh sluaigh cho mòr ri sin san stèideam againn.
"Sheall Rangers a h-uile sìon a bha sinn an dùil fhaicinn. Bha iad a' gluasad glè mhath agus chunnaic sinn carson a tha Rangers aig mullach chùisean ann an Alba an-drà sta.
"Saoilidh mi gun do chòrd an geama ris an sgioba agam, a dh'aindeoin 's gun do chaill sinn - bha e fìor mhath a bhith a' cluich nan aghaidh," thuirt Mason.
Latha là n thadhail
Cha b' e an geama ann an Inbhir Nis an aon gheama far an robh sgòr à rd ann.
Gun mhanaidsear, gun thrioblaid. Chaidh Celtic troimhe chun na h-ath-chuairt gu furasta an aghaidh Inbhir Àir Aonaichte às dèidh do Fan Alonso a dhreuchd fhà gail airson a dhol os cionn Houston Dash aig deireadh na bliadhna an-uiridh.
Thà inig iad am bà rr 7-0 às dèidh do chùisean a bhith car steigeach aig amannan sa chiad leth.
Chùm iad orra san dà rna leth ge-tà le bhith a' lorg an lìn còig tursan.
Hat-trick eile
Cha do chosg Lisa Forrest ach leth-uair a thìde sa chiad leth gus hat-trick fhaighinn do Ghlasgow City an aghaidh Rossvale.
10-0 a bh' ann aig a' cheann thall le Cori Sullivan agus Lauren Davidson a' faighinn dà thadhal an urra.
Lorg an sgiobair aig City, Jo Love an lìon cuideachd is ise a' tòiseachadh airson a' chiad uair bhon Dà mhair 2021.
Tionndaidhidh aire nan sgiobaidhean chun nan lìogan aca le là n chairt de geamaichean ann an SWPL 1 agus SWPL 2 Didòmhnaich.
Na Geamaichean air fad
Partick Thistle 4-2 Tobar na MÃ thar
Fìobha an Ear 5-0 Renfrew Ladies
Boroughmuir Thistle 1-3 Obar Dheathain
Caley Thistle Inbhir Nis 0-12 Rangers
Glenrothes Strollers 1-3 Gartcairn
Baile Dhunlèibhe v Àrduigh - Geama dheth, thèid Baile Dhunlèibhe troimhe
Dyce Women 0-5 Dùn Dè Aonaichte
Inbhir Àir Aonaichte 0-7 Celtic
Stenhousemuir 0-7 Montrose
Queen's Park P-P Bonnyrigg Rose - Pà irce reòthte
Westdyke 1-2 Oilthigh Shruighlea
Hearts 9-0 Edinburgh Caledonia
Boireannaich Ghlaschu 1-6 Spartans
Cille Mheà rnaig 2-3 Hamaltan (Às dèidh ùine a bharrachd)
Hibernian 10-0 St Johnstone
Rossvale 0-10 Baile Ghlaschu