Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Gille à Inbhir Nis a' buannachadh farpais reasabaidh airson Chaisteal Inbhir Nis
Bhuannaich sgoilear aig Acadamaidh Bhaile Theà rlaich duais airson reasabaidh a chruthaich e a bhitheas mar phà irt den chlà r-bhidhe anns an taigh-bhidhe ùr aig Caisteal Inbhir Nis.
'S e 'Haggis Fusion' a th' aige air, agus seo a' measgachadh biadh traidiseanta - taigeis - le tionndadh na Grèige air.
Tha Ally, 13, air a dhòigh glan gun do bhuannaich e.
"Tha mo mhà thair air a bhith a' cur biadh na Grèige còmhla ri taigeis bho chionn fhada le tzatziki agus sailead agus tha e cho furasta a chur ri chèile agus a' còrdadh gu mòr ri daoine," thuirt e.
Fhuair sgoilearan agus daoine eile cothrom blasad fhaighinn air a' bhiadh aig Ally anns an sgoil Diluain - an dearbh là a chaidh cafaidh ùr fhosgladh san sgoil a tha air a ruith leis a' chloinn, feuch am faigh iad eòlas air gnìomhachas a' bhidhe fhad 's a tha iad fhathast san sgoil.
Thuirt Ceannard Roinn Teicneolais na h-Acadamaidh, Lizzie Rudge, gu bheil iad moiteil às na rinn Ally, agus tha iad a' beachdachadh air an reasabaidh aige a chleachdadh anns an cafaidh ùr.
Tha dùil gum fosgail an caisteal às ùr an ath-bhliadhna.