Rinn sinn Ăšrachadh air ar poileasaidh mu phrĂŹobhaideachd is ťĺĂ łŮ˛š-˛ú°ů˛š˛úłó˛ő˛šžą°ů
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrĂŹobhaideachd is ťĺĂ łŮ˛š-˛ú°ů˛š˛úłó˛ő˛šžą°ů agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dĂ ta agaibh.
Ishbel NicIllinnein: 1966 - 2024
Tha luaidh ga dhèanamh air aâ chraoladair, neach-deasachaidh phrògraman agus tè-iomairt coimhearsnachd, Ishbel NicIllinnein, a tha air bĂ sachadh aig aois 57.
Rugadh Ishbel ann an Steòrnabhagh ann an 1966 agus thogadh i ann am Marbhig ann an Taobh a Deas nan Loch.
Bâ i aon Ă ceathrar duine-chloinne a bha aig Dòmhnall agus Dolina NicIllinnein.
Chaidh i an toiseach gu bun-sgoil Phlanasgair, a bha aâ frithealadh bhailtean Marbhig agus Calaboist. Bha i air aon de na sgoilearan mu dheireadh an sin mus do dhĂšin an sgoil ann an 1973.
Chaidh Ishbel air adhart gu Ărd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.
A' fà gail Leòdhais às dèidh na sgoile, rinn i ceum ann am Beurla agus Gà idhlig aig Oilthigh Ghlaschu.
°Őè-˛Ô˛šžąťĺłóąđ˛šłŚłóťĺ
Thòisich Ishbel aig aâ BhBC ann an 1987, mar thè-naidheachd airson Radio nan GĂ idheal ann an Inbhir Nis
Bha an liut shònraichte a bhâ aice ann an obair-craolaidh follaiseach bhon chiad dol a-mach.
Na tè-naidheachd aig à m sgainneal BhCCI, bha i am measg an luchd-naidheachd a bha ag aithris air mar a chaill Comhairle nan Eilean Siar £23m nuair a chaidh am banca sin fodha.
Rinn i ceasnachadh aig an à m air an Fhear-ghairm, Dòmhnall MacLeòid, agus an Comh. Aonghas Greumach, mu mar a bha an t-Úghdarras a là imhseachadh na cÚis.
Rè Úine, dheadh Ishbel na ceannard air sgioba nan Naidheachdan.
Neach-deasachaidh
Chaidh Ishbel air adhart gu bhith na neach-deasachaidh air Radio nan GĂ idheal. Bhiodh i aâ dealbhachadh agus aâ stiĂšireadh clĂ r an stèisein agus âs iomadh prògram soirbheachail anns an robh i an sĂ s.
Bhuannaich Radio nan Gà idheal duais Stèisean na Bliadhna aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach grunn thursan fo a stiÚir, agus bha i air cÚl cruthachadh feadhainn dhe na prògraman as ainmeile air an stèisean, le Spòrs na Seachdain agus A' Mire ri Mòir nam measg.
Bâ e am prògram mu dheireadh a dheasaich i prògram sònraichte mu dheidhinn 100 bliadhna de chraoladh na GĂ idhlig.
91ČČąŹ ALBA
Bha Ishbel san sgioba a thòisich 91ČČąŹ ALBA ann an 2008 agus bhiodh i cuideachd aâ coimiseanadh phrògraman airson na seanail.
Daonnan an sĂ s ann am pròiseactan Ăšra, bha i na h-Ărd-riochdaire air a' chiad lĂ n-fhilm GhĂ idhlig, Seachd: The Inaccesible Pinnacle.
Nuair a thĂ inig sin a-mach ann an 2007, bhruidhinn Ishbel mun bhuaidh a bhâ aige.
âTha e duilich a chur an cèill dĂŹreach cho cudromach âs a tha e,â thuirt i.
âTha GĂ idheil aâ gabhail iongnadh ma dheidhinn â gu bheil e freumhaichte sa chultar ach cuideachd san latha an-diugh.
âChan e TBh air an sgrĂŹon mhòr a thâ ann ach film. Tha daoine aâ freagairt ri sin.â
SgĂŹre na PĂ irce
Ged a choisinn Ishbel cliĂš dhi fhèin gu nĂ iseanta, bâ e cridhe a saoghail fhèin an sgĂŹre dham buineadh i ann an Taobh a Deas nan Loch.
Bha i aâ fuireach ann am Marbhig leis an dĂšine aice John, a phòs i ann an 2016. Agus bha i air a bhith ag obair bhon taigh an sin airson grunn mhath bliadhnaichean, fada mus robh sin cumanta ann an saoghal na h-obrach.
Bha i an sĂ s san iomairt fhada Oighreachd na PĂ irce a cheannachd dhan choimhearsnachd, a thĂ inig gu buil ann an 2015.
Mar bhall de Co-chomunn na Pà irce, bha i cuideachd gu mòr an sàs ann an ionad coimhearsnachd Ravenspoint.
Thug i mĂŹneachadh dhan sgrĂŹobhadair Alasdair Mac an Tòisich ann an 2019 air obair aâ Cho-chomuinn agus an fheallsanachd a bhâ aice fhèin a thaobh obair choimhearsnachd.
âBidh daoine ag iarraidh fuasglaidhean mòra air trioblaidean aig ĂŹre na coimhearsnachd, ach chan eil fuasglaidhean mòra ann.
âChan eil fuasglaidhean mòra ag obair. âS e na rudan beaga a tha aâ dèanamh an diofair as motha.â
Bha Ishbel fÏor eòlach air beatha na coimhearsnachd san latha an-diugh agus cuideachd air an eachdraidh a bha air cÚl sin.
Rinn i prògram mun bhà rd Murdani Mast ann an 2011, anns an do ghabh an dithis aca cuairt, beagan bhliadhnaichean mus do bhà saich Murdani ann an 2010, timcheall baile Mharbhig.
Thà inig dà imh shònraichte eadar an dithis, agus an t-eòlas a bha aig Ishbel air an sgÏre aice fhèin, am follais sa phrògram.
"âS e aon dhe na rudan air a bheil mise an-còmhnaidh aâ cuimhneachadh nuair a tha mi aâ smaoineachadh air aâ bhaile, âs e a bhith aâ cruinneachadh aig Ă m na Bliadhnâ Ăire anns an taigh agaibh pèin,â thuirt Ishbel ri Murdani.
âAgus a bhith aâ cluinntinn cuid dhe na h-òrain agaibh an sin.
âAgus tòrr dhe na daoine sa bhaile aâ tighinn a-steach agus tòrr plòigh aâ dol, agus aâ cluinntinn tòrr dhe na seann rabhdan, âs na seann stòiridhean a bhâ aig a h-uile duine.â
âBha liut shònraichte aig Ishbel air aithris agus craoladhâ, thuirt Mairead MĂ iri Mhoireach, Ceannard Craoladh GĂ idhlig agus Caidreachas aig aâ BhBC.
âBha e aâ còrdadh rithe gu mòr agus bha i fĂŹor mhath air.
âDhâèirich an sgil sin a-mach Ă s an Ăšidh a bhâ aice ann a bhith aâ meòrachadh cheistean agus aâ deasbad chuspairean. Bha eanchainn air leth aice agus chuireadh i beachd eadar-dhealaichte a-steach dhan a h-uile còmhradh anns an robh i an sĂ s, daonnan aâ leasachadh agus aâ leudachadh an sealladh.
âBha i lĂ idir is cothromach, dĂŹleas is earbsach - beusan air a robh sinne agus muinntir sgĂŹre a grĂ idh agus a h-Ă raich, sgĂŹre nan Loch, cho eòlach agus far an robh i air a dòigh a-muigh aig na caoraich a no anns an ionad coimhearsnachd no anns an taigh-choinneimh.â
Bha Donnie Moireasdan bliadhnaichean ag obair le Ishbel aig ĂŹre na coimhearsnachd ann an Taobh a Deas nan Loch.
âBha i an sĂ s anns an eaglais agus rinn i tòrr timcheall air sin,â thuirt e.
âRinn i tòrr timcheall air Ravenspoint agus an Comann Eachdraidh. Agus co-chomhairleachaidhean a bha sinn aâ dèanamh timcheall na sgĂŹre gu lèir air rudan a bha sinn airson a dhèanamh na bâ fheĂ rr, bha i an sĂ s ann an sin.
âAon duine aâ dèanamh a h-uile cĂ il a bha sin, âs e obair mhòr a bhâ ann.
âBidh cuimhne mhath aig daoine airson bhliadhnaichean ri thighinn air na rinn i ann an seo.â
Tha Ishbel aâ fĂ gail an duine aice, John, a piuthair, Mòrag, agus a brĂ ithrean, Aonghas Iain agus Donnie.