Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Cion thadhail is cion misneachd do dh'Alba
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Alasdair MacIllinnein
- Dreuchd, Fear-naidheachd Spòrs aig Hampden
Alba 0 - 1 Èirinn a Tuath
Lean sreath na h-Alba gun buannachadh gu seachd geamannan às dèidh dhaibh call tadhal gu neoini ri Èirinn a Tuath aig Hampden.
Bha cuideam air na h-Albannaich an geama a bhuannachadh as dèidh droinneadh ann an Amsterdam anns a' gheama mu dheireadh aca.
Dh’fhaodadh gun tug sin buaidh air taghadh Steve Clarke. Bha gu leòr an dòchas Lawrence Shankland fhaicinn a-rithist, agus cluicheadairean leithid Lewis Fearghastan a' faighinn cothrom bho’n fhìor thoiseach.
Cha robh ann ach dà atharrachadh bhon sgioba a thòisich ann an Amsterdam ge ta, agus dithis a tha gu math eòlach aig an ìre seo cuideachd. Liam Cooper a’ gabhail à ite Ryan Porteous, agus nas cudromaiche buileach, Lyndon Dykes an à ite Lawrence Shankland.
Fiù's bho na fuinn nà iseanta, bha nà dar de shradag anns a' gheama seo. A' chiad turas a choinnich na sgiobaidhean ann an naoi bliadhna. Thòisich Alba gu misneachail, a'cumail greim air a' bhall airson pà irtean mòra den gheama. Ach cha b’urrainn dhaibh cothroman glan a chruthachadh.
A dh’aindeoin còrr air 80% den bhall a bhith aig Alba, Èirinn a Tuath a chaidh air thoiseach as dèidh an leth-uair leis a' chiad oidhirp aca air tadhal Aonghas Gunn. Mearachd aig a chùl bho Nathan Patterson a toirt cothrom do Chonor Bradley aig Liverpool greim fhaighinn air a' bhall. Gheà rr esan a-steach a mheadhan na pà irce air iomall a' bhogsa, agus le chas dheis, leig e às oidhirp a thug suathadh far Jack Hendry, agus a chaidh à rd don oisein. Mar chlach as an adhar, bha Sgioba Steve Clarke air dheireadh.
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd
Bha buille cha mhòr a cheart cho dona ann as dèidh sin. Chaidh an sgiobair, Anndra Robasdan a leòn mu adhbrann ann an ionnsaigh, goirid ron tadhal. B’fheudar dha tighinn far na pà irce le Lewis Fearghastan a’ gabhail à ite. Bha an t-arm tartain airson sealladh fhaighinn air sgiobair Bhologna, ach chan ann mar seo.
Cha robh mòran den bhall aig na h-Èireannaich ron seo, ach bha e follaiseach gun robh an tadhal air am misneachadh. Bha còir aca a bhith air an dà rna tadhal fhaighinn goirid ro leth-ùine. Am ball a’ tuiteam gu Shea Charles anns a' bhogsa, ach an oidhirp aige a’ siubhal seachad air a' phost. Faochadh do dh’Alba.
Ged a thòisich na h-Albannaich an darna leth le beagan de chabhaig, bha an aon thrioblaid aca sa bha roimhe - cothroman glan a chruthachadh. Thà inig fear bho bhreab-saor John McGinn a rà inig Liam Cooper an teis-meadhan a' bhogsa, ach cha b’urrainn dha a chùis a dheanamh air an loidhne dìon no fear-glèidhidh nan Èireannach.
Thà inig na h-atharrachaidhean an uairsin bho Steve Clarke. Nam measg Stuart Armstrong – a bha cluiche airson an 50mh turas do dh’Alba. Leis a' chiad shuathadh aige, chuir e saor-bhreab domhainn chun a' phuist cùil, ach cha b’urrainn do Jack Hendry a stiùireadh air an targaid.
Atharrachadh eile, agus se Lawrence Shankland a thà inig air, agus thuit cothrom thuigesan cuideachd. Breab oisein a-steach air a ghnogadh thuige le Kenny McLean, agus ged a thionndaidh Shankland gus lasadh air an tadhal, bha Brodie Spencer san à ite cheart aig an à m cheart gus an sgioba aige a chumail air thoiseach.
Bha cothrom no dhà eile ann do dh’Alba goirid ron deireadh. Armstrong le ball a-steach bhon là imh chlì. Che Adams ga shuathadh air adhart gu Lewis Fearghastan, agus an oidhirp aigesan air an targaid air a shà bhaladh gu snasail le Peacock-Farrell. Goirid as dèidh sin, cha mhòr nach do ghlac Lawrence Shankland am fear-glèidhidh pìos math far na loidhne aige, ach bha an oidhirp far cheann a' chluicheadair aghaidh ro à rd – agus e a’ dol seachad air a' mhaide tarsainn.
Agus sin mar a chrìochnaich e. Alba a-nise air sreath de sheachd gheamannan gun buannachadh – agus air naoi tadhal deug a leigeil a-steach san t-sreath sin.
Cothrom caillte chanadh cuid anns a' gheama seo ach oidhche a bh’ann far nach do chruthaich Alba mòran de chothroman sam bith. Dè chaidh ionnsachadh bhon gheama sa agus Amsterdam? Gheibh sinn a-mach nuair a dh’ainmicheas Steve Clarke an sguad aige airson na Gearmailt ann am beagan sheachdainean.
Tha stuth Instagram an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Instagram teachdaireachd