Gu leòr thadhal san SWPL

Tùs an deilbh, SWPL

Tiotal an deilbh, Chuir Celtic 13 tadhail seachad air Obar Dheathain

Chuir Celtic 13 tadhail seachad air Obar Dheathain gun fhreagairt Didòmhnaich - aireamh nach eil sgioba eile air ruighinn gu ruige seo air an t-seusan.

Rinn na Gers cinnteach gun robh iad a' fuireach aig a' mhullach, puing air thoiseach air Celtic, le bhith a' buannachadh 7-0 an aghaidh Mon Rois.

Bhuannaich Glasgow City an dàrna geama aca ann an sreath an aghaidh Dundee United ann an Dùn Dè.

Thug Hearts droinneadh 6-1 do Hamaltan is iad a' tilleadh bho a bhith a' call an aghaidh Hibs sa gheama mu dheireadh.

Tùs an deilbh, SWPL

Tiotal an deilbh, Fhuair Amy Gallacher hat-trick còmhla ri Murphy Agnew

Anns a' gheama mu dheireadh mus tèid stad a chur air an t-seusan le dà gheama eadar-nàiseanta aig Alba, bha coltas làidir air Celtic.

Chuir iad sia tadhail sa chaid leth agus fhuair dithis hat-trick - Murphy Agnew agus Amy Gallagher.

Chuir iad seachd eile san dàrna leth le ochdnar am measg nan tadhal aig a cheann thall.

Tha Celtic air 30 tadhal a chur thairis air na sia geamaichean mu dheireadh aca a-nis.

An ochdamh call a bh' ann do dh'Obar Dheathain den t-seusan ach cha bu chòir mòran dragh a bhith aca fhathast le cothrom fhathast aca faighinn a-steach dhan prìomh sia san lìg.

Seachd tadhail do Rangers

Cha robh tròcair aig Rangers nas motha an aghaidh Mon Rois is iad a' buannachadh dusan geama ann an sreath san SWPL.

Chuir iad seachd tadhail seachad orra le Kirsty Howat - tè a bhuannaich Cluicheadair na Mìos o chionn ghoirid - a' faighinn dhà.

Chuir Rio Hardy ris na tadhail cuideachd is ise a' lorg an lìn airson an t-17mh uair den t-seusan.

Feumaidh Mon Rois iad fhèin a thogail nuair a thilleas an lìg an ath-mhìos is iad dìreach ceithir puingean far bonn na lìge.

Dòchas fhathast aig Glasgow City

Còig laithean às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Mon Rois, sheas an sgiobair aca, Hayley Lauder an-àird gus dà thadhal cudromach fhaighinn.

Feumaidh gun robh manaidsear na h-Alba a' leantainn a' gheama - chaidh a gairm madainn Diluain chun na sgioba nàiseanta airson dà gheama an aghaidh na Beilge agus Sasainn leis an cluicheadair aig AC Milan, Christy Grimshaw a' tuiteam a-mach.

Thèid City an aghaidh Hibernian nuair a thilleas an lìg air an 10mh là den Dùbhlachd - sgioba eile a bhios airson a h-uile puing a ghabhas a chruinneachadh airson àite sa phrìomh sia fhaighinn.

Ach bidh aig City ri chumail orra gu 's dòcha deireadh an Fhaoillich mus faigh iad cothrom Celtic a chluich agus a' bheàrn chun a' mhullaich a ghiorrachadh.

Hearts a' tilleadh gu làidir

Cha do bhuannaich Hearts geama san lìg bho deireadh an Dàmhair a' dol a-steach dhan gheama an aghaidh Hamaltan.

Chaill iad an aghaidh Hibs sa gheama mu dheireadh ach bha coltas gun tug sin spionnadh dhaibh na puingean fhaighinn an t-seachdain seo le bhith a' cur sia tadhail seachad air Hamaltan.

Rinn manaidsear Hearts, Eva Olid, còig atharraichean airson a' gheama seo.

Abair gun do dh'obraich sin le Katie Lockwood a' cur ceithir tadhail.

Neartaich na trì puingean an àite aig Hearts san t-siathamh àite ach 's e là truagh a bh' ann do Hamaltan is iad gun geama a bhuannachadh fhathast san lìg agus fhathast a' strì aig a' bhonn.

Na geamaichean air fad

Spartans 1-4 Hibernian

Rangers 7-0 Mon Rois

Tobar na Màthar 2-4 Partick Thistle

Dundee United 1-3 Glasgow City

Hearts 6-1 Hamaltan

Celtic 13-0 Obar Dheathain