Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Ceann a' Ghiùthsaich ag amas air barrachd dhuaisean
Thuirt manaidsear Chinn a' Ghiùthsaich gu bheil iad ag amas air barrachd dhuaisean às dèidh dhaibh Cupa na Camanachd a thogail air an deireadh-sheachdain.
Rinn tadhal bho Ruairidh MacAnndrais le 89 mionaidean air a' chleoc a' chùis 1-0 air Camanachd an Òbain.
'S e tadhal à lainn a bh' ann bho astar air là nuair nach do rà inig an geama à °ù»å-ì°ù±ð.
Bidh Ceann a' Ghiùthsaich coma is Cupa na Camanachd aca 'son a' 25mh turas.
Bha iad mar-thà air Cupa MhicThà mhais a thogail nas trà ithe air an t-Samhradh is a h-uile coltas gum bi a' Phrìomh Lìog aca a dh'aithghearr cuideachd.
'S e Cupa MhicAmhlaigh a-mhà in nach d' fhuair iad is dùil gun crìochnaich iad an seusan le trì duaisean is iad air na ceithir fhaighinn an-uiridh.
Thuirt Iain Borthwick às dèidh là imh gu bheil e riaraichte leis a' chiad sheusan aige mar mhanaidsear Chinn a' Ghiùthsaich is gur e barrachd soirbheachais a tha e ag iarraidh a-nise.
"Rinn Iain Gibson obair air leth mar mhanaidsear anns na bliadhnaichean mu dheireadh is an Grand Slam aige an-uiridh.
"Gabhaidh sinn gach seusan mar a thig iad agus bidh sinn ag amas air Grand Slam eile an ath-bhliadhna".
'S e briseadh-dùil mòr a bh' ann do Chamanachd an Òbain aig an robh là mh an uachdair aig amannan tron gheama is aig an robh sà r-chluicheadair an là ann an Daniel Sloss.
"Tha e goirt. Geama gu math teann a bh' ann gun mhòran chothroman is tadhal dìreach aig an deireadh", thuirt Sloss.
"Là doirbh dhuinn ach 's e sgioba òg a th' againn is bidh sinn ag amas air tilleadh air ais dhan chuairt dheireannaich an ath-bhliadhna", thuirt e.