Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Tiotal Bhreatainn an 200m breaststroke aig Kara Hanlon
Tha Tiotal Bhreatainn aig Kara Hanlon thar 200m breaststroke.
Chrìochnich i ann an 2:24.59, an ùine bu luaithe aig Kara riamh thar 200m, ach beagan taobh a-muigh an 2:23.04 a bha a dhìth airson à ite aig Oilimpigs Pharis.
Bidh cothrom eile aig Kara air na farpaisean sin a ruighinn anns na rèisean 100m Didòmhnaich.
"Bha i fhèin gu math toilichte, dìreach rud beag tà mailteach nach d' fhuair i an uair às dèidh dhi a dhol cho luath an-raoir," thuirt mà thair Kara, Marilyn Hanlon, 's i a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin.
"Ach feumaidh sinn a bhith toilichte gun d' fhuair i am bonn òir.
"Bha i gu math misneachail a' dol dhan rèis, agus bha i a' coimhead air adhart ris.
"Bha i rudeigin iomagaineach tha mi a' smaoineachadh an-raoir, ach cha do rinn sin cà il anns an rèis.
"Tha i a' coimhead air adhart ri Là na Sà baid agus ris a' 100m, 's tha mi an dòchas gun dèan i an uair an uair sin," thuirt i.
Tha Kara nas fhaisge air an uair air a bheil i ag amas ann an rèis a' 100m, 's tha sin na adhbhar misneachd dhi.
"Tha i gu math faisg air sin," thuirt Marilyn.
"Ma thèid a h-uile cà il ceart, tha mi an dòchas, tha i fhèin fhathast misneachail mu dheidhinn sin às dèidh a bhith a' bruidhinn rithe an-raoir, tha i a' coimhead air adhart ri sin.
"Tha sinn an dòchas gun dèan i e," thuirt i.