Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Iain Robinson: "Bha sinn ag iarraidh nam puingean agus sin a fhuair sinn"
Thill Baile Ùr an t-Slèibh gu soirbheachas sa Phrìomh Lìog Disathairne is iad air a' chùis a dhèanamh air Loch Abar 4-1.
Tha seusan Bhaile Ùr an t-Slèibh air a bhith car stigeach gu ruige seo às dèidh dhaibh dìreach aon gheama a bhuannachadh a-mach à ceithir a' dol a-steach dhan gheama seo.
Ach rinn Iain Robinson cinnteach gun robh iad a' dol a-steach gu leth-ùine air thoiseach mar a rinn e an aghaidh nan Sgitheanach aig toiseach a' Mhà irt le dà thadhal bho astar - rud a tha e a' dèanamh tric dhan sgioba aige.
Rinn Craig Ritchie feasgar Loch Abair nas doirbhe fhathast le tadhal eile do Bhaile Ùr an t-Slèibh dìreach dà mhionaid a-steach dhan dà rna leth.
Fhreagair Max Caimbeul dhà no thrì mionaidean às dèidh sin le tadhal do Loch Abar ach thà inig dòchasan na sgioba aige gu crìch nuair a chuir Cameron MacNaomhain an ceathramh tadhal do Bhaile Ùr an t-Slèibh le mu deich mionaidean ri dhol.
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd, 1
Grunn gheamaichean dheth
B' e an geama eadar Baile Ùr an t-Slèibh agus Loch Abar an aon fhear a chaidh air adhart ann am Prìomh Lìog nam Fear Disathairne.
Air sgath na h-aimsire o chionn ghoirid, chaidh co-dhùnaidhean a dhèanamh nach robh na pà ircean sna ceithir geamaichean eile ann an staid math gu leòr airson cluich.
Cupa an t-Sutharlanaich
'S iad an dà rna sgioba aig Ceann a' Ghiùthsaich a thà inig am bà rr an aghaidh Ghleann Urchadain anns a' chiad chuairt de Chupa an t-Sutharlanaich.
A dh'aindeoin 's gu bheil Gleann Urchadain air trì a-mach às na ceithir geamaichean aca ann an Lìog a h-Aon aig Tuath a bhuannachadh, cha robh gu leòr aca airson stad a chur air Ceann a' Ghiùthsaich air sgath cho là idir 's a bha a' bheing aca.
Bha an sgòr co-ionnann gun tadhal aig letheach-ùine ach 's ann san dà rna leth a dhùisg Ceann a' Ghiùthsaich leis an dithis Svend Pederson agus Miko Berowski a' cur na sgioba aca 2-0 air thoiseach.
Thug Oliver Mac'illeDhuibh dòchas do Ghleann Urchadain le tadhal sa bhogsa fo chuideam loidhne-dìon Cheann a' Ghiùthsaich.
Ach às dèidh beagan de mhì-chinnt ann am bogsa Ghleann Urchadain, ghabh Raibeart Sheills an cothrom am ball a bhualadh dhan lìon airson a bhith cinnteach gur iadsan a bhios a' dol a-steach dhan dà rna cuairt le tadhal goirid ron fhideig mu dheireadh.
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd, 2
Inbhir Nis a' tighinn am bà rr
Chaidh sia geamaichean eile a chur dheth sa chiad chuairt de Chupa an t-Sutharlanaich, ach bhuannaich Inbhir Nis an aghaidh Bhoth Fhleisginn sa gheama eile a chaidh air adhart.
Chuir Ruairidh Boag Inbhir Nis air thoiseach às dèidh do na sgiobaidhean faisg air fichead mionaid a cluich, ach chuir Gary Marshall tadhal le breab-pheanais 65 mionaid a-steach dhan gheama - 's bha an geama co-ionnann.
Le dusan mionaid air fhà gail air a' ghleoc ge-tà , nochd Skye Mac an Tòisich airson Inbhir Nis a chur air thoiseach agus siud mar a chrìochnaich an geama.