Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Pà rtaidh mòr Alba aig Euro 2024 air stad le brag le call 5-1
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Ailean MacLeòid
- Dreuchd, 91Èȱ¬ Spòrs, Munich
Ge bith dè bha dol ann am Munich ro là imhe, thà inig partaidh Alba sa Ghearmailt gu stad a-nochd is sgioba Julian Naglesmann a' buannachadh 5-1.
Bha aithrisean agus bhideothan air nochdadh bho Bhavaria fad na seachdaineach air cho math 's a bha luchd-taic Alba a' coimhead air adhart ri Euro 2024 ach cha do mhair sin ach deich mionaidean den fharpais.
Fhuair Florian Wirtz tadhal bho oir a' bhogsa agus bha an sluagh ann an oisein an stèideam sà mhach anns an spot.
Fhuair Jamal Musiala an dà rna tadhal às dèidh deich mionaidean eile, ach cha robh an seo ach ro-shealladh air cho dona 's a bha cùisean gu bhith do sgioba Steve Clarke.
Ron bhriseadh bha iad 3-0 air dheireadh agus le deichnear air a phà irce. Bha Ryan Porteous là n araidh air cairt dhearg airson droch ionnsaigh air İlkay Gündoğan. Kai Havertz gun mhearachd an uairsin bhon spot-pheanais a' faighinn tadhal.
An aon mhaith do dh' Alba air an oidhche, 's e nach b'e seachd no ochd a bh'aig na Gearmailtich.
Fhuair Niclas Füllkrug an ceathramh tadhal dhaibh mus deach tadhal eile a dhubhadh as le VAR.
Thug VAR sùil air tadhal Alba cuideachd agus mar chomharra air an oidhche, b'ann far Rüdiger aig a' Ghearmailt a chaidh am ball dhan lìon. Cha robh oidhirp aig Alba air an tadhal fad na h-oidhche.
Cha robh e air a' phà irce ach diogan aig an deireadh agus dè fhuair Emre Can ach tadhal dha fhèin.
Dòchas sam bith a bh'aig an arm thartain, tha e air falbh.
An dèidh seinn, dannsa agus glaodhraich ann an cuirm fosglaidh na farpais, ghluais aire luchd-leantainn a' bhuill-choise Eòrpaich gu gnothaichean air a' phà irce. A' cheist a th'ann a-nise, cà ite an robh aire sgioba na h-Alba?
Taobh a-staigh còig mionaidean bhuannaich Kieran Tierney breab bhon tadhal agus rinn luchd nam breacan gà irdeachas. Fhuair Tierney cudail mòr bhon sgiobair cuideachd, ach b'e siud an turas mu dheireadh a rinn luchd-taic Alba moladh sam bith air an sgioba aca.
Cha robh an geama ach goirid a-steach air an deicheamh mionaid nuair a bhris dòchas nan Albannach. Fhuair Florian Wirtz am ball air oir a' bhogsa.
Thug e slaic air - cha b'e slaic ro mhath - is fhuair Aonghas Gunn là mh ris - ach a dh'aindeoin sin chaidh am ball dhan lìon far a' phuist dheis.
Droch thoiseach tòiseachaidh a bh'ann, ach cha robh guth air cho dona 's a dh'fhà sadh cùisean.
Bha breab-pheanais aig na Gearmailtich air sgà th ionnsaigh bho Ryan Christie ach bha balach Inbhir Nis fortanach nach robh bruis-pheant luchd-obrach phà irce Mhunich cà il nas leatha agus VAR a' sealltainn gur ann air taobh a-muigh a' bhogsa a bha an ionnsaigh.
An uairsin, cha robh fada gus an robh Die Mannschaft na b'fhaide air thoiseach.
Cha robh coltas ann gun robh cus cunnart do dh'Alba ann am meadhan na pà irce, ach ann am priobadh na sùla, bha am ball aig Jamal Musiala san tadhal gun chothrom aig Gunn là mh fhaighinn air an turas seo.
Bha Alba a' lorg faochadh air choiregin agus dh'atharraich Steve Clarke cruth na sgioba. Ghluais John McGinn chun taobh chlì agus Ryan Christie dhan loidhne aghaidh gus taic a thoirt do Ché Adams. Cha d'fhuair Alba cothrom faighinn a-mach an do dh'obraich na tactics ùra gè-tà .
Fo chunnart sa bhogsa, bha coltas ann gum biodh sgiobair nan Gearmailteach İlkay Gündoğan a' faighinn tadhal. Leum Ryan Porteous a-mach gus stad a chur air, ach abair gun deach an ionnsaigh aige ceà rr.
Cha tug an rèitire breab-pheanais seachad an toiseach ach cha tug e ach diog no dhà an uairsin a' coimhead air an sgrion.
Breab-pheanais, cairt dhearg do Phorteous agus ann am mionaid eile an treas tadhal air tighinn bho Havertz aig an spot-pheanais. "Oidhche mhath Alba" arsa Calum Dòmhnallach air 91Èȱ¬ Radio nan Gà idheal - "am faigh sinn air Na Dùrachdan a thoirt air ais?"
Cha b'e an rèidio ach an hairdryer a bhiodh aig Steve Clarke aig leth-ùine.
Faochadh a bh' ann do dh'Alba beagan mhionaidean fhaighinn gun chunnart air beulaibh an tadhail aca, ach cha do mhair sin fada.
Dh' fheumadh Aonghas Gunn là mh là idir fhaighinn air cùlaibh oidhirp bho Rüdiger. Fhuair iad am ball air falbh is bùrach uabhasach sa bhogsa ach cha robh sgioba Julian Nagelsmann airson stad.
Thà inig Niclas Füllkrug far na beingidh agus leis an dà rna suathadh air a' bhall bha tadhal aige. Cha b'e suathadh a bh' ann airson an fhìrinn innse ach slaic uabhasach. "Peilear" a bh' aig luchd-aithris 91Èȱ¬ Spòrs air an rèidio air. Bha iad ceart.
Nochd beagan dòchais do dh' Alba le beagan mhionaidean ri dhol. Thà inig am ball a-steach chun phuist cùil agus dh' fheuch Hanley air an tadhal. An aon rud fortanach a thachair bho shealladh Steve Clarke, 's e gun d' fhuair Antonio Rüdiger suathadh air a' bhall agus chaidh e seachad air Manuel Neuer.
Chaidh oisean Alba dhan stèideam buileach craicte, le deochan air an caitheamh air feadh an à ite. Fhuair iad cothrom beagan den phà rtaidh a thoirt air ais.
Cha do mhair sin ach mionaidean eile. Thà inig Emre Can far na beingidh e fhèin agus mar a rinn Füllkrug roimhe, fhuair e tadhal. An à ite dòrtadh phinntean bha sluagh na h-Alba a' dòrtadh a-mach nan dorsan.
Thèid iad dhachaigh a-nochd, no air ais gu na taighean-òsta aca co-dhiù, is ceist orra dè chì iad ann an Cologne.
Thèid sgad Alba air ais do Gharmisch-Partenkirchen feuch lorg fhaighinn air dè chaidh ceà rr.
Feumaidh am plana atharrachadh. Fiù 's le plana ùr, tha a h-uile coltas ann gu faodadh gum bi sgioba na h-Alba air ais aig an taigh mus bi cuid den luchd-leantainn.