Fearghasdan air ainmeachadh mar mhanaidsear ùr ICT

Tùs an deilbh, SNS

Chaidh seann chluicheadair Alba, Everton agus Rangers Donnchadh Fearghasdan ainmeachadh mar mhanaidsear ùr Chaley Thistle Inbhir Nis.

Chuir e ainm ri cùmhnant trì bliadhna aig a' chluba a tha an-dràsda aig bonn Championship na h-Alba.

Thuirt an cluba gur e "an tagraiche a sheas a-mach" às dèidh "pròiseas fastaidh farsaing".

"'S e deagh chothrom a th' ann an seo dhòmhsa agus 's e deagh chluba a th' ann," thuirt Fearghasdan.

"Tha amasan mòra acasan agus agamsa, is ged a tha sinn ann an suidheachadh doirbh an-dràsta, tha planaichean againn airson a' chluba a thoirt air adhart," thuirt e.

Tha e a' gabhail àite Billy Dodds, a chaidh a chur às a dhreuchd às dèidh dhan sgioba dìreach aon phuing a thogail bhon na ciad chòig geamaichean aca san lìog.

'S e stiùiriche a' bhuill-choise aig ICT, Iain Robasdan, a bh' aig an stiùir airson a' chiad gheama às aonais Dodds Disathairne nuair a chàill iad ri Dundee United 1-0.

Forest Green Rovers

Fhuair Fearghasdan a' chiad dhreuchd aige mar mhanaidsear làn-ùine san Fhaoilleach nuair a chaidh e os cionn Forest Green Rovers.

Dh'fhàg e an obair sin san Iuchair ge-tà às dèidh dha dìreach aon gheama a bhuannachadh a-mach à 18, le Forest Green a' tuiteam gu Lìog a Dhà ann an Sasainn.

Thòisich Fearghasdan a dhreuchd cluiche aig Dundee United mus do ghluais e gu Rangers ann an 1993.

Chaidh e an uair sin gu Everton ann an 1994 mus deach e gu Newcastle ann an 1998.

Thìll e gu Pàirce Goodison ann an 2000 gus an do sguir e de chluiche ann an 2006.

Fhuair e cuideachd seachd ceap do dh'Alba.