Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Am Prionnsa Punjabi: Ceum nas fhaisge air tiotal fhaighinn?
Bidh a' phìob a' seinn nuair a thèid Rico 'Am Prionnsa Punjabi' Marinovic a-steach dhan ring airson an treasamh uair aig ìre proifeiseanta oidhche Haoine.
Aithnichte coltach ri rìgh le dà chù taobh a-muigh an ring, bidh Rico an dòchas gun cuir seo eagal air an fhear a bhios a' dol na aghaidh, Ivelin Gitsov à Bulgà iria.
Thèid an t-sabaid air adhart aig An Crowne Plaza ann an Glaschu, dìreach còig mionaidean air falbh bhon t-seann-sgoil aig Rico, Sgoil Ghà idhlig Ghlaschu.
Tha an dithis gu bhith a' sabaid thairis air ceithir cuairtean trì mionaidean a dh'fhaid, ach tha Rico an dùil cumail air às dèidh seo agus sabaid thairis air sia cuairtean san ath shabaid aige.
Seo mar phà irt de na planaichean aige is e cinnteach gum bi tiotal aige aon là .
Cha do chaill Am Prionnsa fhathast
Tha Rico air sabaid dà uair aig ìre phroifeiseanta gu ruige seo - dà shabaid a bhuannaich e.
Bha dùil aige sabaid airson an treas uair san t-Samhain an-uiridh ach chaidh sin a chur dheth.
Ach chùm Rico air a' trèanadh co-dhiù le sùil air an t-sabaid seo.
B' e sailead a bh' aige air LÃ na Nollaig!
Tha e a' coimhead air adhart ris a' chiad 'cheat meal' aige oidhche Haoine ge-tà .
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd
Ginealach ùr
Ged a tha Rico 19 bliadhna a dh'aois agus air Sgoil Ghà idhlig Ghlaschu fhà gail, tha fios aige cò às a thà inig e: "Tha cuimhne agam far an do dh'fhàs mi agus tha fios agam cà ite bheil mi a' dol air sgà th sin."
"Tha mi an còmhnaidh a' dol dhan sgoil agus a' bruidhinn ri na sgoilearan a tha fhathast ann", thuirt e.
"Tha dithis bhalach a tha a' bogsadh agus tha iad gam leantainn.
"Tha e ag obair san dòigh eile cuideachd. Tha mise gan cuideachadh agus tha iadsan gam chuideachadh cuideachd le bhith a' cumail orm."
Coltach ris an dithis a chaidh na aghaidh san dà shabaid aige ron seo, tha Ivelin Gitsov deich bliadhna nas sine na Rico.
"Tha fiosam gun urrainn dhomh sabaid an aghaidh duine sam bith, aig ìre sam bith agus aig aois sam bith", thuirt e.
"Chan eil e a' cur dragh sam bith orm nach dèan mi a' chùis oidhche Haoine.
Tha misneachd gu leòr aig Rico ach le deagh adhbhar. Tha plana aige.
Stoidhle-bogsaidh san Roinn Eòrpa
"Tha mi an dùil gum bi stoidhle eadar-dhealaichte aig Ivelin à Bulgaria", thuirt Rico.
"Tha na bogsairean às an Roinn Eòrpa a' sabaid ann an dòigh coltach ris an dòigh a chì thu aig na Geamaichean Oilimpigeach.
"Tha na Breatannaich a' cleachdadh stoidhle nas slaodaiche agus mar sin, sa champa seo tha mi air a bhith ag obair air stoidhle nas adhartaiche.
"Tha mi airson cuideam a chur air agus tha mi airson 'knockout' fhaighinn."
Pròis a mhà thair
A bharrachd air a cheanglaichean ri Punjab, tha ceangal aige ri Eilean Cholla ann an Alba cuideachd is an dà chultar a' ruith tro fhuil.
'S i Satveer, a mhà thair, a chuir Rico a-steach gu Sgoil Ghà idhlig Ghlaschu is i cho pròiseil às an-drà sta.
"Tha (Punjab agus Gà idhlig) nam pà irt mhòr de Rico, mar phà irt dheth fhèin agus cò e".
"Tha mi cho pròiseil 's a ghabhas mu Rico.
"A h-uile là , tha e ag obair cho cruaidh airson a bhith cho math agus 's urrainn dha, an dà chuid ann agus taobh a-muigh an ring", thuirt i.
Cuine agus cà ite?
Thèid an t-sabaid eadar Rico 'Am Prionnsa Punjabi' Marinovic agus Ivelin Gitsov air adhart oidhche Haoine aig taigh-Òsda An Crowne Plaza ann an Glaschu le cùisean a' tòiseachadh mu 8f.