Des McNulty os cionn cuairt dheireannach Chupa na Camanachd

Tùs an deilbh, Neil G Paterson

Tiotal an deilbh, Des McNulty (air an làimh dheis) aig cuairt dheireannach 2019.

'S e Des McNulty an rèitire a bhios ann airson cuairt dheireannach Chupa na Camanachd an ath-mhìos.

Coinnichidh Camanachd an Òbain is Ceann a' Ghiùthsaich aig Pàirc a' Bhucht air an t-16mh den t-Sultain.

'S iad Ceann a' Ghiùthsaich a bhuannaich an cupa an-uiridh ach rinn sgioba an Òbain an gnothach orra gus Cupa MhicAmhlaigh a bhuannachadh nas tràithe air a' mhìos.

'S ann à Dail Mhàilidh a tha Des McNulty is bha e uair a' cluich do Ghleann Urchaidh.

Tha e air a bhith na rèitire fad sia bliadhna is bha e thuige seo os cionn chuairtean deireannach Chupa MhicAmhlaigh is Chupa a' Bhaile Mhòir.

"S e seo an geama as motha ann an iomain agus 's mòr an t-ùrram a th' ann dhomh a bhith air mo thaghadh mar rèitire", thuirt e.

"Bho rinn mi a' chiad gheama agam eadar an An Caol-Ghleann agus Baile a' Chaolais tha e air na thlachd mòr dhomh a bhith a' cuideachadh le fàs na h-iomain.

"Tha mi a' coimhead air adhart ris a' chuairt dheireannaich gu mòr is tha mi cinnteach gur e geama air leth a bhios ann", thuirt e.