Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Bucaidh ag amas air an SPFL
Tha Buckie Thistle ag rà dh gu bheil iad ag amas air à ite san SPFL às dèidh dhaibh Lìog na Gà idhealtachd a bhuannachadh.
Thog na Jags an tiotal 'son a' chiad turas bho 2017 nuair a rinn iad an gnothach air Baile Chè 1-0.
Ged a chrìochnaich iad co-ionnan aig a' mhullach le Brechin, rinn Bucaidh an gnothach air diofar nan tadhal.
Feumaidh iad a-nise cluich an aghaidh Chille Bhrìghde an Ear - a bhuannaich Lìog na Galldachd - thairis air dà gheama.
Bidh an sgioba a nì a' chùis an uairsin an aghaidh na sgioba a chrìochnaicheas aig bonn Lìog 2 ann an Lìog na h-Alba.
Ged a tha cuid uaireannan air ceist a thogail a bheil sgiobaidhean bho Lìog na Gà idhealtachd dha-rìribh ag iarraidh à ite san t-siostam nà iseanta, tha manaidsear Bhucaidh ag rà dh gur e sin an t-amas aca.
"Cha bhi e furasta agus tha tòrr ullachaidh ri dhèanamh", thuirt am manaidsear aca, Graeme Stiùbhart.
"'S e geama cianail mòr a th' ann dhan chluba. 'S e Cove Rangers a-mhà in a chaidh tro na play-offs bho Lìog na Gà idhealtachd gu Lìog na h-Alba is ma nì thu sin, tha thu a' dèanamh eachdraidh.
"Bu chòir dhuinn a bhith ag amas air sin".
Bidh a' chiad gheama ann an Cille Bhrìghde an Ear Disathairne seo tighinn is an dà rna geama ann am Bucaidh fhèin seachdain às dèidh sin.