Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Ath-sgrùdadh o ChalMac air aiseag Chille Chòmhain
Thuirt Caledonian Mac a' Bhuthainn gun dèan iad ath-sgrùdadh air mar a tha iad a frithealadh Cille Chòmhain nuair a tha an soitheach a tha a' seòladh gu Tobar Mhoire ga gluasad gu slighe eile rè ùine.
Nochd mu 70 neach à sgìre Chille Chòmhain Diardaoin aig coinneimh ri à rd-oifigear Chal Mac Robbie Drummond.
Chaidh mìneachadh do Mgr Drummond na duilgheadasan a tha e ag adhbhrachadh anns an sgire nuair nach urrainn cà raichean an t-seirbheis aiseig a chleachdadh.
Chaidh an t-aiseag chà raichean a thoirt far na slighe eadar am baile agus Tobar Mhoire na bu thrà ithe air a' mhìos seo.
Chuireadh aiseag airson luchd-coise a-mhà in air an t-slighe na à ite.
Tha a' choimhearsnachd air a bhith a'gearan gu bheil seo air leth mì-ghoireasach, agus gu bheil aig daoine a-nis ri draibheadh dà uair de thìde chun a' Ghearasdain seach a bhith a' gabhail an aiseig dhan bhaile as fhaisge orra.