Bonn airgid dha Fin Greumach

Tùs an deilbh, PA

Tiotal an deilbh, Fin Greumach às dèidh dha clàr na cruinne a bhristeadh nas tràithe Dihaoine

Choisinn Fin Greumach à Srath Pheofhair bonn airgid aig na Geamaichean Paralimpigeach ann am Paris.

Bha Fin san dàrna àite ann am farpais C3 3000m Individual Pursuit nam fear.

'S e Breatannach eile, Jaco van Gass, a bhuannaich am bonn òir.

Nas tràithe air an là anns na cuairtean dearbhaidh bha an Greumach air clàr na cruinne a bhristeadh is e a' crìochnachadh ann an 3:17.305.

Ach dìreach goirid às dèidh sin bhrist van Gass fhèin an clàr a-rithist le 3:15.488 sa chuairt aigesan.

'S e 3:18.460 a rinn van Gass sa chuairt dheireannaich is an Greumach a' crìochnachadh ann an 3:22.540.

"Tha e dìreach coltach ri Tokyo", thuirt Fin.

"Chaidh mi a-mach is bhrist mi clàr na cruinne agus 's gann gu bheil mi air tighinn far a' bhaidhg is tha Jaco air a thoirt bhuam.

"'S e a bhuannaich clàr na cruinne agus bonn òir ann an Tokyo. 'S urrainn dha an ìre as àirde a ruighinn aig an àm cheart.

"'S e an duine as làidire air an là a tha a' buannachadh agus an-diugh 's e Jaco a bha sin".

'S e Fin a' chiad Albannach a tha air bonn a bhuannachadh aig na geamaichean am-bliadhna.