Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Alba soirbheachail an Iomain Cholmcille
Bha deireadh-seachdain fìor shoirbheachail aig sgiobaidhean na h-Alba ann am farpais Iomain Cholmcille.
Chaidh an fharpais air adhart Disathairne ann am Beul Feirste 'son a' chiad uair.
Rinn boireannaich na h-Alba an gnothach air Èirinn 9-4 sa chiad gheama agus 6-5 nuair a chluich iad a-rithist.
Rinn na fir a' chùis anns na trì geamaichean a chluich iadsan an aghaidh Fir Uladh, Na Gaeil Òga agus Micheál Breathnach.
Le Alba a' tilleadh dhachaigh le Còrn Sgà thaich agus Còrn Cholmcille, thuirt Eòghan Stiùbhart bho Iomain Cholmcille gur e tachartas air leth soirbheachail a bh' ann air agus far na pà irce.
"Bhuannaich sinn na còig geamaichean, ach cuideachd fìor dheagh chothrom a bhith a' coinneachadh ri ar caraidean Èireannach.
"Bha muinntir Chomann na Gà idhlig còmhla rinn agus chunnaic iad cho soirbheachail 's a tha spòrs mar dhòigh airson Gà idhlig a brosnachadh. Bha e math dha-rìribh", thuirt e.