A' Cuimhneachadh air Seumas Braid

Tiotal an deilbh, Rugadh Seumas Braid ann an 1870 ann am Fìobha agus chaochail e ann an 1950 ann an Lunnainn.
  • Ù²µ³ó»å²¹°ù, Javen Houston
  • Dreuchd, 91Èȱ¬ Spòrs

Tha Seumas Braid aithnichte mar fhear de na cluicheadairean goilf as soirbheachaile a-riamh a bharrachd air an obair a rinn e a' cruthachadh no ag atharrachadh timcheall air 400 raon-goilf. Esan a dh'fhàg Toll 8 aig cùrsa Royal Troon, Am Postage Stamp, mar a tha e an-diugh.

'S e ainm car neònach a tha sin, chanadh cuid, air toll a tha a' cur eagail a bheatha air cluicheadair proifeiseanta sam bith.

Còrr air ceud bliadhna bhon a chuir Braid crìoch air, tha Marsaili NicAoidh air a bhith a' cuimhneachadh air ailtear, cluicheadair goilf - agus a seanair fhèin.

Tiotal an deilbh, Marsaili NicAoidh, 98, ogha Braid

Rinn Braid rud a tha glè bheag de chluicheadairean goilf eile air a choileanadh.

Bhuannaich e còig tiotalan Open (1901, 1905, 1906, 1908, 1910) le dìreach ceathrar eile san aon roinn.

"B' e duine gu math laghach a bh' ann, bha e caran sàmhach agus bha a shùilean a' deàrrsadh," tha Marsaili ag ràdh.

"Bha e air a bheò-ghlacadh le goilf agus bha e comasach dha cluich a h-uile là - sin an aon rud a bha e ag iarraidh a dhèanamh agus rinn e sin fad a bheatha."

Chaidh dòigh-chluiche Braid a dhealbhachadh mar "devine fury" ach b' e duine gasta a bh' ann air agus far an raon-ghoilf tha e coltach.

Às dèidh dha a' chiad Open aige aig Muirfield a bhuannachadh ann an 1901, ghluais e sìos a Shasainn airson a dhol na chiad ghoilfear proifeiseanta aig Walton-Heath.

Dh'fhuirich e an sin an còrr de a bheatha, agus b' àbhaist dha fuireach le a theaghlach ann an Alba nuair a bha e ag obair air cùrsaichean san dùthaich.

"Bhiodh e a' bruidhinn mun teaghlach aige nuair a bha e còmhla rinn, an àite goilf," thuirt Marsaili.

Tùs an deilbh, 91Èȱ¬ Spòrs

Tiotal an deilbh, Seumas Braid (sa mheadhan) a' còmhradh ri Èideard VIII aig Walton Heath

B' e Seumas Braid an aon chluicheadair Eòrpach, gus an do rinn Pàdraig Harrington an leithid aig Royal Birkdale ann an 2008, a ghlèidh tiotal Open nuair a bhuannaich e ann an 1906.

Rud air leth ma smaoinicheas tu nach robh e na aonar le sàr-thàlant air an raon-ghoilf aig deireadh na 19mh agus aig toiseach na 20mh linne.

Eadar 1894 agus 1914, bhuannaich Braid agus dithis eile, Harry Vardon agus John Henry Taylor 16 tiotalan a-mach à 20 mus do thòisich an Cogadh Mòr.

Mar sin, tha an triùir aca aithnichte mar 'The Great Triumvirate'.

Tiotal an deilbh, 'The Great Triumvirate' le Seumas Braid sa mheadhan

Bha gu leòr farpais eadar an triùir air an raon-ghoilf, ach cothromach ri càch a chèile.

"Bha iad nan deagh-charaidean," thuirt Marsaili.

"Chuir e ris an spòrs aige nuair a b' àbhaist dha a bhith a' cluich nam farpaisean Open... thug e tòrr a bharrachd toileachais dha.

"Mura robh an dàimh ann eatorra, bhiodh e fhathast dàna leis fhèin ach chòrd e ris a bhith còmhla riutha," thuirt Marsaili le gàire air a h-aodann a' smaoineachadh air an triùir aca còmhla.

Tiotal an deilbh, Duilleag-aghaidh Vanity Fair ann an 1907.

Nuair a chaidh faighneachd dhith an robh i an dùil gun robh a sheanair gu bhith cho cudromach agus cho mòr san spòrs, bha freagairt shìmplidh aig Marsaili.

"Cha robh idir!" is i a' gàireachdainn.

Dh'aidich Marsaili nach robh fios aice dè cho ainmeil 's a bha e gus an robh i faisg air 90 bliadhna de dh'aois.

"Bha an dealbh sin agam a' crochadh an seo," thuirt Marsaili a' sealltainn dhomh duilleag-aghaidh Vanity Fair.

"Thàinig an seann duine seo a chèilidh orm - duine air leth a bh' ann... rinn e tòrr anns an dà chogadh agus bha gu leòr urraim agam dha.

"Co-dhiù, shuidh e sìos, chunnaic e an dealbh agus dh'fhaighnich e 'cò tha siud?'

"Thuirt mi gur e mo sheanair a bh' ann, Seumas Braid. 'Feumaidh mi seasamh an-àirde ma thà!' thuirt e agus sin a rinn e, am bodach beag a bha seo.

"Thàinig e a-steach orm an là sin, ma bha urram aig an duine seo dha, 's e fear cudromach a bh' anns mo sheanair - ach cha robh am balach aige no a bhana-chliamhann a' dèanamh cus dheth.

B' e cuideigin san teaghlach a bh' ann - sin e," thuirt Marsaili, is i pròiseil.

Tùs an deilbh, 91Èȱ¬ Spòrs

Tiotal an deilbh, B' àbhaist Seumas Braid a bhith a' cruthachadh chlubaichean-goilf cuideachd.

"Chan eil e a' tachairt cho tric a-nis, leis gu bheil mi faisg air 98 bliadhna de dh'aois ach tha e a' còrdadh rium a bhith a' cluinntinn daoine a' bruidhinn air - bha dùil agamsa gur e dìreach duine snog a bh' ann," thuirt Marsaili.

"Bha gaol agam air leis gur e mo sheanair a bh' ann."