Earra-Ghàidheal is Bòd ag iarraidh gealltanas air maoineachadh a bharrachd

Tùs an deilbh, COMHAIRLE EARRA-GHÀIDHEAL IS BHÒID

Sgrìobh Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag iarraidh taic ann a bhith a' dèanamh cinnteach gun ruig maoineachadh a bharrachd airson chomhairlean an sgìre, a thuilleadh air sgìrean eile.

Leig Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Shona Robison, fhaicinn gun sgaoil Riaghaltas na h-Alba £45m de mhaoineachadh Barnett am measg ùghdarrasan ionadail ma thig e a dh'Alba mar phàirt den bhuidseat Diciadain.

Ma thig, gheibheadh Earra-Ghàidheal is Bòd mu £800,000 dheth.

Thuirt Ms Robison ge-tà, nach fhaigheadh comhairlean an t-airgead sin mura reòthadh iad a' chìs-chomhairle, a rèir poileasaidh Riaghaltas na h-Alba.

B' e Earra-Ghàidheal is Bòd a' chiad ùghdarras ionadail an Alba a dhiùlt gabhail ris a' phoileasaidh sin, 's iad air bhòtadh àrdachadh 10% a chur ris a' chìs-chomhairle san sgìre aca.

An dèidh sin, dh'aontaich Comhairle Inbhir Chluaidh a' chìs-chomhairle àrdachadh 8.2%.

Chuir Comhairle Siorrachd Dhùn Bhreatann an Iar a' chìs an-àirde 5%.

Sgrìobh an Comh Robin Currie gu Mìcheal Gove BP, Rùnaire na Stàite airson Cothromachadh Suas, Taigheadais agus Choimhearsnachdan, a tha cuideachd na Mhinistear airson Chàirdeasan Eadar-Riaghaltasail, ag iarraidh a thaic ach am faigh a h-uile comhairle an t-airgead ma thig e.

Tha an dà chomhairle eile a dh'àrdaich a' chìs ag iarraidh taic air Mgr Gove cuideachd.

Bha beàrn £40m ann am buidseat Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid nuair a stèidhich iad am buidseat.

Seirbheisean

Thuirt a' Chomhairle gun robh iad air co-dhùnadh a' chìs àrdachadh airson seirbheisean ionadail is cosnaidhean a ghlèidheadh.

"Tha coimhearsnachdan feumach air seirbheisean comhairle airson beatha mhath a bhith aca. Tha seirbheisean comhairle feumach air maoineachadh," thuirt an Comh Currie.

"B' e co-dhùnadh fìor dhoirbh a bh' ann a bhith ag àrdachadh na cìse-comhairle, ach cha robh dol às againn.

"Bha aonta maoineachaidh Riaghaltas na h-Alba, a' toirt a-steach a bhith a' reòthadh na cìse-comhairle, air gearraidhean ann an seirbheisean adhbharachadh.

"Bha a bhith ag ìsleachadh càileachd beatha mhuinntir Earra-Ghàidheal is Bhòid le bhith a' gearradh sheirbheisean riatanach air buaidh a thoirt chan ann a-mhàin air beatha làitheil dhaoine, ach bha e air droch bhuaidh a thoirt cuideachd air oidhirpean an sluagh is an eaconomaidh againn fhàs.

"Ma thig cothrom air maoineachadh a bharrachd, air a bheil cruaidh-fheum, tha còir aig muinntir Earra-Ghàidheal is Bhòid an cuid den mhaoineachadh sin fhaotainn, agus tha sinn a' sireadh taic Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann a bhith ga fhaotainn," thuirt e.