Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Uibhistich air fianais a thogail mu sheirbheisean aiseig
Nochd sluagh mòr aig cidhe Loch Baghasdail Didòmhnaich gus fianais a thogail mu sheirbheisean aiseig.
Tha fearg ann an Uibhist a Deas agus an t-seirbheis eadar Loch Baghasdail is Malaig a-nise air a tarraing gu Dihaoine an 30mh den Ã’gmhios.
Tha sin ri linn is mar a chaidh an MV Lord of the Isles a ghluasad gu slighean Ìle is obair-cà raidh a' leantainn air an MV Hebridean Isles is an MV Finlaggan air a dhol airson seirbheis bliadhnail.
Thuirt CalMac gu bheil iad fìor dhuilich is gu bheil iad a' tuigsinn gun toir seo buaidh air a' choimhearsnachd, ach gur e an roghainn a bheir buaidh air a' chuid as lugha de luchd-cleachdadh.
Bha faireachdain là idir am measg an fheadhainn a thog fianais Didòmhnaich ge-tà , nach eil Riaghaltas na h-Alba no CalMac ag èisteachd riutha.
"Tha aiseagan deatamach dhuinn an seo - tha iad coltach ri ogsaidean", dh'innis Christina Mhoireasdan aig a bheil gnothachas aig cidhe Loch Baghasdail is a chuir an tachartas air dòigh.
"Mura h-eil iad againn, bidh a' choimhearsnachd ann an cunnart bà sachadh. Tha e a' toirt buaidh cho mòr oirnn is gu bheil e a' faireachdainn mar gum biodh gu bheil na fuadaichean a' tachairt a-rithist.
"Tha na coimhearsnachdainn againn mar-thà cugallach agus as aonais sheirbheisean aiseig, tha sinn ann an cunnart dòchas a chall.
"Tha sinn air ìre a ruighinn a-nise far am feum cuideigin a dhol an sàs agus fuasgladh fhaighinn sa bhad", thuirt i.
Tha taigh-òsta aig Calum MacAmhlaigh ann an Loch Baghasdail cuideachd is esan am measg na chruininich aig a' chidhe còmhla ris na ceudan eile.
Thuirt e gun do sheall seo cho mì-thoilichte 's a tha daoine.
"Bha an t-à ite mun cuairt a' chidhe agus an t-seann chidhe a bh' ann airson nan iasgairean, bha e loma-là n. Cha robh for agam riamh gun robh an leithid de dhaoine a' fuireach ann an Uibhist.
"Ge brith cò tha thu a' bruidhinn ris a-nise, tha rudeigin a' tachairt dhaibh air sà illeibh is nach urrainn dhaibh a dhol air ais no air adhart. Chan eil e ag obair idir.
"Bha Ministear na Còmhdhail agam a-staigh an seo cola-deug air ais is duine sgrathail laghach a bh' ann is bha e ag èisteachd is e ag rà dh 'nì sinn siud is nì sinn seo', is aon uair is gu bheil iad a' coiseachd air falbh tha CalMac a' dèanamh na thogras iad.
"Chanainn a-nise gum feum sinn a dhol gu Lunnainn, chan eil sian a dh'fheum a bhith a' bruidhinn ri Dùn Èideann", thuirt e.
Thog Mgr MacAmhlaigh uair eile air airgead-dìolaidh is e ag rà dh gu bheil cruaidh fheum aig coimhearsnachdan air taic.
Thabhainn CalMac leisgeul a-rithist mun troimh-chèile a th' ann is is gheall iad gu bheil iad ag obair cho cruaidh 's a ghabhas gus bà taichean a thilleadh gu seirbheis.
Thuirt Ministear na Còmhdhail, Caoimhin Stìubhart, gur e briseadh-dùil a th' ann dha nach deach conaltradh mar bu chòir ri coimhearsnachdan mun t-suidheachadh.