Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Iomain a' caoidh Dhonaidh Ghrannd
Tha saoghal na camanachd a' dèanamh luaidh air fear de shà r-ghaisgich na spòrs - Donaidh Grannd à Ceann a' Ghiùthsaich.
Chaochail Mgr Grannd oidhche Mhà irt ann an dachaigh-cùraim ann am Baile nan Granndach aig aois 84.
Bha e aithnichte an toiseach mar chluicheadair agus 's e a chuir an tadhal a bhuannaich Cupa na Camanachd airson Chinn a' Ghiùthsaich 2-1 an aghaidh Cheilteach an Òbain ann an 1961.
Cha robh Ceann a' Ghiùthsaich aig an à m air Cupa na Camanachd a bhuannachadh fad 40 bliadhna.
Chuir e bliadhnaichean mòra seachad san sgioba is ann an 1984 chluich e còmhla ris a mhac Ross an ath-thuras a bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich Cupa na Camanachd.
Bha seo an aghaidh nan seann nà imhdean aca Baile Ùr an t-Slèibh - a' chiad turas a bha na sgiobaidhean air cluich sa chuairt dheireannaich is an cupa air a dhol fosgailte ann an 1983.
Chluich Mgr Grannd cuideachd ball-coise aig ìre Lìog na Gà idhealtachd airson Nairn County.
Bha e fìor aithnichte às dèidh sin airson na rinn e mar mhanaidsear is coidse Chinn a' Ghiùthsaich.
Ged a tha e doirbh a chreidsinn an-diugh, cha robh Ceann a' Ghiùthsaich aig toiseach nan 1980an air Cupa na Camanachd a bhuannachadh ach seachd tursan. Bha Baile Ùr an t-Slèibh aig an à m air a thogail 24 tursan.
Le stiùir bho Mhgr Grannd is eile, ghabh an cluba smachd là idir air an spòrs is Cupa na Camanachd - is gach duais eile - a' tilleadh a Cheann a' Ghiùthsaich tric is minig.
Tha an cluba a-nise air Cupa na Camanachd a bhuannachadh 24 tursan is iad ag amas air a-rithist sa chuairt dheireannaich an ath-mhìos.
Thug na sgilean coidsidh aig Mgr Grannd buaidh air iomain san fharsaingeachd is e a' cur an sàs structaran ùra is a' tà ladh barrachd chluicheadairean òga.
Bha Donaidh Grannd cuideachd gu mòr airson ceanglaichean a bhrosnachadh leis an GAA ann an Èirinn is bha e gu math soirbheachail mar mhanaidsear sgioba na h-Alba anns na geamaichean eadar-nà iseanta.
Bha e gu mòr an sàs ann an rianachd na spòrs is e na cheann-suidhe air Comann na Camanachd agus na bhall Urramach den Chomann.
Bha e na chathaiche air a' bhuidhinn a rinn comharrachadh air 100 bliadhna de Chomann na Camanachd is chaidh MBE a bhuileachadh air ann an 1994 airson seirbheisean dhan spòrs.
Bha e cuideachd na thosgaire aig Camanachd na Cuimhne aig à m a bhà is.
Tha Mgr Grannd a' fà gail banntrach, Jan, is dithis chloinne, Ross is Noreen.
Chaochail mac eile dhaibh, Dòmhnall, bho chionn grunn bhliadhnaichean.
Ann am brath Diciadain, thuirt Ceann a' Ghiùthsaich gur e Donaidh Grannd an neach as cudromaiche ann an eachdraidh a' chluba.