Ross County air Eamonn Brophy a cheannach

Tùs an deilbh, Ross County

Tha Ross County air Eamonn Brophy a thoirt air ais a dh'Inbhir Pheofharain is iad air an cluicheadair-aghaidh a cheannach bho St Mirren.

Bha Brophy, 27, air ùine a chur seachad air iasad leis na Staggies air an t-seusan seo chaidh nuair a chuir e trì tadhail ann an ochd geamaichean.

Bidh e air ais a-nise is St Mirren ag innse gun do phàigh County còrr is £100,000, ged nach deach an t-suim fhèin a dhearbhadh.

Thòisich Brophy le Hamaltan ach 's ann aig Cille Mheàrnaig fo stiùir Steve Clarke a choisinn e cliù dha fhèin, is 's e Clarke a thug dha ceap do dh'Alba an aghaidh Cìoprais ann an 2019.

Chaidh e gu St Mirren ann an 2021 ach cha do dh'obraich cùisean a-mach dha ann am Paislig.

"Tha sinn air ar dòigh Eamonn a thoirt air ais", dh'innis manaidsear Chounty, Malky MacAoidh.

"Rinn e glè mhath còmhla rinn air an t-seusan seo chaidh is 's e pairt chudromach den bhuidhinn a bh' ann.

"Tha tòrr eòlais aige agus cuiridh e gu mòr ris na roghainnean againn aig an aghaidh", thuirt e.

Thàinig an naidheachd là às dèidh do Chounty Max Sheaf a cheannach bho Redditch United.