Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
"'S e seo an t-slighe a bha an dà n dhomh"
Bha Kara Hanlon measail air spòrs de dh'iomadh seòrsa bho thùs.
Ach 's e tachartas aon là nuair a bha 14 a chuir i air an t-slighe air a bheil i fhathast - slighe a dh'ionnsaigh clà ran a bhristeadh mar a' bhana-Albannach a bu luaithe riamh ann an cuid de rèisean snà imh.
Ann am prògram ùr a bhios air 91Èȱ¬ ALBA tha Kara, 27, a bhuineas do Steòrnabhagh, ag innse mar a thachair e.
"Rinn mi an t-uabhas de spòrs nuair a bha mi òg, mar ruith, ach bha snà mh an-còmhnaidh cudromach.
"Dh'ionnsaich mi san t-seann amar ann an Steòrnabhagh is tha cuimhne agam a bhith a' rèiseadh airson bhaidsichean a chuirinn air mo dheise-shnà imh.
"Ach bha aona mhadainn nuair a bha mi 14 is cha robh mi 'son a dhol a-mach a' ruith is thuirt mo mhà thair rium, 'OK, mura h-eil thu a' ruith, thèid thu a shnà mh'.
"Rinn mi sin is thachair mi ri DR is dh'iarr e orm a bhith nam phà irt de bhuidhinn a bh' aige a bha ag ullachadh airson Gheamannan nan Eilean."
'S e DR Moireasdan coidse snà imh ann an Leòdhas.
Bha an trèanadh sin fìor chudromach do Kara. Bha agus na dh'ionnsaich i aig Geamannan nan Eilean far an robh i soirbheachail dha-rìribh às leth nan Eilean Siar.
'S e bunait fìor mhath a bh' ann 'son farpais aig ìre nas à irde, rud air a bheil i a-nise gu math eòlach.
Ann an 2022 shnà imh i às leth na h-Alba aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann am Birmingham.
Rà inig i a' chuairt dheireannach den 50m is 100m Breaststroke agus bha i na pà irt cuideachd den sgioba a bha sa chuairt dheireannaich den 4x100m Medley Relay.
Bha an tuilleadh eachdraidh ann an-uiridh nuair a bhrist i clà ran na h-Alba airson Breastroke an dà chuid ann an 50m is 100m, is i a' tighinn faisg cuideachd air à ite ann an sgioba Bhreatainn airson nan Geamaichean Oilimpigeach.
Tha Kara air obair fìor mhòr a dhèanamh airson an ìre seo a ruighinn, ach tha i ag rà dh gu bheil i mothachail air an taic mhòir a tha i air faighinn bho teaghlach.
"Bha iomadh turas ann nuair a thà inig air mo phà rantan ùine a ghabhail far na h-obrach airson mo thoirt gu tìr-mòr, is bha iad cho deònach mo chuideachadh is bha sin a' ciallachadh gun robh sinn a' dol ann nas trice, barrachcd cho-fharpaisean is a' gluasad suas tro na h-ìrean."
Ach tha Kara cinnteach às gun fhiach e uile is à ite cho sònraichte aig snà mh na beatha.
"Tha mi a' faireachdainn ann an dòigh gun do roghnaich snà mh mise, gur e seo an t-slighe a bha an dà n dhomh.
"A bhith a' briseadh chlà ran Albannach, bidh sin agam gu sìorraidh is bidh e an-còmhnaidh sònraichte dhomh.
"Tha mi air a dhol nas luaithe na boireannach eile ann an Alba a-riamh."
Bidh Kara Hanlon: Dare to Dream air 91Èȱ¬ ALBA aig 9:00f Diciadain an 24mh den Iuchar agus bidh e ri fhaicinn cuideachd air iPlayer a' BhBC.