Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Fearghasdan: "Feumaidh sinn buannachadh Dihaoine"
Thuirt manaidsear Chaley Thistle gum feum an sgioba buannachadh an aghaidh Morton oidhche Haoine, ged a dh'aidich e gu bheil coltas ann a-nise gum bi iad anns na geamaichean play-off 'son fuireach san Championship.
Chrìochnaich ICT co-ionnan 1-1 ri Dùn Phà rlain air an deireadh-sheachdain is tadhal bho Aribim Pepple le cairteal na h-uaireach air fhà gail a' sà bhaladh puing dhaibh.
Thà inig sin às dèidh do Deniz Mehmet aig na Pars stad a chur air breab-peanais bho Billy MacAoidh trà th san dà rna leth.
Le Queen's Park a' buannachadh 5-0 an aghaidh Obar Bhrothaig, tha Inbhir Nis a-nise san 9mh à ite le dìreach aona gheama lìge air fhà gail.
"Chan e gu leòr a th' ann am puing, bha sinn feumach air na trì," thuirt Donnchadh Fearghasdan.
"Cha robh sinn math gu leòr sa chiad leth ach bha sinn tòrr na b' fheà rr san dà rna leth. Gu mì-fhortanach cha tà inig an dà rna tadhal is tha coltas ann a-nise gu bheil sinn gu bhith anns na play-offs."
Bha Fearghasdan roimhe air an ceòl a chur air feadh na fìdhle nuair a chuir e às leth Obar Bhrothaig nach robh iad a' feuchainn is iad mar-thà air a dhol sìos bhon Championship.
Bha Obar Bhrothaig air iarraidh air na faclan a tharraing ach 's ann a thug e slaic orra às ùr is e ag rà dh nach do chuir e iongnadh sam bith air gun deach am pronnadh le Queen's Park.
Tha Fearghasdan ag rà dh a-nise gum feum an sgioba aige buannachadh an aghaidh Morton oidhche Haoine.
"Chan eil fios agad ann am ball-coise. Feumaidh sinn buannachadh is chì sinn dè thachras sa gheama eile eadar an t-Àrd-Ruigh is Queen's Park, ach gu mì-fhortanach tha e a-nise a-mach às ar là mhan," thuirt e.
Tha fios a-nise gum bi an sgioba a bhios san 9mh à ite air a' cheann thall an aghaidh Mon Rois anns na play-offs le Hamaltan is Alloa a' cluich sa gheama eile.
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd
Air taobh thall Drochaid Cheasaig tha Ross County cuideachd ann an suidheachadh cugallach sa Phrìomh Lìog às dèidh dhaibh call 2-0 ri Baile Dhunlèibhe air an deireadh-sheachdain.
Tha seo a' fà gail gu bheil na Staggies fhathast san 11mh à ite san lìog, puing air dheireadh air St Johnstone, is ceithir geamaichean air fhà gail.
Tha coltas ann a-nise gur e blà r a bhios ann eadar an dà sgioba sin gus na geamaichean play-off a sheachnadh.
"Feumaidh mi Baile Dhunlèibhe a mholadh, chluich iad fìor mhath," thuirt manaidsear Chounty, Don Cowie.
"Fhuair sinn moladh mòr airson mar a chluich sinn an aghaidh Rangers bho chionn cola-deug agus a-nise feumaidh sinn gabhail ris a' chà ineadh a gheibh sinn sgà th seo.
"Thug sinn dhaibh a' chiad thadhal is ged a rinn sinn rud no dhà tron gheama bha iadsan airidh air."
Bidh County a-nise aig an taigh an aghaidh Hibs Disathairne.