Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is àٲ-
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is àٲ- agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dàta agaibh.
Sguad iomain na h-Alba air ainmeachadh
Dh'ainmich Comann na Camanachd an sguad a bhios aig Alba airson a' gheama eadar-nàiseanta ann an Èirinn an ath-mhìos.
Thèid fir na h-Alba an aghaidh nan Èireannach aig Pàirc Esler ann am Baile an Iùir Disathairne an 21m den Dàmhair.
Chan eil an geama air a bhith ann bho 2019 nuair a bhuannaich Alba ann am Baile Átha Cliath.
Am measg na chaidh ainmeachadh san sguad aig manaidsear na h-Alba, Garry Reid, tha am fear a chuir an tadhal a bhuannaich Cupa na Camanachd do Cheann a' Ghiùthsaich, Ruairidh MacAnndrais, is an sgiobair aca Seumas Falconer.
Tha an sguad mar a leanas:
- Stiùbhart Dòmhnallach - Lòbhat
- Anndra King - Caol Bhòid
- Steafan Dòmhnallach - Baile Ùr an t-Slèibh
- Raibeart Mabon - Ceann a' Ghiùthsaich
- Iain MacÌlliosa - Camanachd an Eilein Sgitheanach
- Daniel Sloss - Camanachd an Òbain
- Blair MacPhàrlain - Camanachd an Òbain
- Danny Kelly - Lòbhat
- Craig Ritchie - Baile Ùr an t-Slèibh
- Donnchadh MacMhathain - Ceann Loch Seile
- Daniel MacCuthais - Camanachd an Òbain
- Blair Moireasdan - Cabar Fèidh
- Craig Moireasdan - Cabar Fèidh
- Fionnlagh MacRath - Ceann Loch Seile
- Iain Robinson - Baile Ùr an t-Slèibh
- Seumas Falconer - Ceann a' Ghiùthsaich
- Caoimhin Bartlett - Cabar Fèidh
- Ruairidh Dòmhnallach - Caol Bhòid
- Scott Dòmhnallach - Caol Bhòid
- Ruairidh MacAnndrais - Ceann a' Ghiùthsaich