Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Cuairt camara caillte gu Cumbria
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Eilidh NicLeòid
- Dreuchd, 91Èȱ¬ Naidheachdan
Chaidh camara le dealbhan bho fhear de na geamaichean as cudromaiche a-riamh aig Cluba Ball-coise a' Bhac a lorg còrr is 10 bliadhna an dèidh a chall.
Chaidh e à sealladh an dèidh Cuairt Dheireannach Cupa Amaitearach na Gà idhealtachd ann an 2011 anns an robh an sgioba Leòdhasach an aghaidh sguad Abhaich às an Eilean Dubh.
Chuir fear à Cumbria, Mà rtainn Hill, fios air a' chluba bho chionn ghoirid 's e ag rà dh gun do lorg fear a tha cà irdeach dha an camara ann am fèill cùl-chà raichean sa sgìre.
Chan eil fhios mar a fhuair an t-uidheam à Inbhir Nis gu Cumbria ach, gu mìorbhaileach, bha na dealbhan na bhroinn air maireachdainn.
Tha ùidh mhòr aig Mgr Hill ann an spòrs: "Choimhidinn air dà iasg òir ann am bobhla nan robh seacaidean rèisidh orra!"
Thuirt e nach tug e fada dha aithneachadh gur e ìomhaighean de sgioba a' Bhac a bh' annta, agus gun robh coltas ann gun deach an tarraing aig pà irce Caley Thistle Inbhir Nis.
Chuir e teachdaireachd gu duilleag FB a' chluba agus e airson a' chairt SD a thilleadh.
"Gu mì-fhortanach, cha deach an là leotha ach bha mi cinnteach às gum biodh ùidh aig na cluicheadairean ann a bhith a' faicinn nan dealbhan," thuirt e.
'S ann le Mà rtainn Mac'illEathain, a tha an-drà sta a' cluich do sgioba Lìg na Gà idhealtachd, Brora Rangers, a bha an camara.
"Nuair a bha mi òg bha droch chliù agam airson a bhith a' call nithean.
"Tha ceist orm mu cà ite an do dh'fhà g mi an camara agus ciamar a rinn e a shlighe a Chumbria!
"Tha e air a bhith cho math coimhead air na seann dhealbhan seo agus tha mi fada an comain Mhà rtainn airson an cur air ais thugam," thuirt e.
Thuirt neach-labhairt Cluba a' Bhac gu bheil e do-chreidsinneach cho fada agus a mhair an camara agus a' chairt a bha na bhroinn.
"Ged a chaill sinn an là 'ud 's e cuimhneachain phrìseil a th' anns na dealbhan air là mòr ann an eachdraidh a' chluba.
"Thug seo gà ire mòr air na balaich a' coimhead orra," thuirt iad.
Mar a thachair 's e MÃ rtainn Mac'illEathain an aon chluicheadair a chuir tadhal dhaibh nuair a chaill iad 5-1 an aghaidh Abhaich.
Tha Mà rtainn Hill a-nis a' leantainn Cluba a' Bhac air na meadhanan-sòisealta agus leugh e gun robh stiùbhardan-parcaidh a dhìth orra airson tachartais.
Aig an taigh tha e a' cumail taic ri sgioba rugbaidh ionadail agus thuirt e nan robh e a' fuireach ann an Leòdhas gun dèanadh e aon rud do na Bacaich.
Tha e a' leantainn sgioba Liverpool ach thuirt e gur e sgioba a' Bhac a-nis an tè Albannach as fheà rr leis, agus gum biodh iad daonnan na chridhe.
Thuirt e: "Back FC, they're the one for me!"