Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Dùil ri pà rtaidh mòr san Òban
Dè a' Ghà idhlig saoil a th' air when in Rome? 'S e a rèir coltais 'Ma tha thu san Òban, dèan mar an t-Òban'.
Agus abair gun do rinn Raibeart Mac an t-Saoir mar an t-Òban san Ròimh air an deireadh-sheachdain is e na phà irt de sgioba na h-Eòrpa a bhuannaich Cupa Ryder.
Rinn na h-Èorpaich a' chùis air na Stà itean Aonaichte 16.5 gu 11.5 air a' cheann thall is iad a' buannachadh air ais an cupa a chaill iad aig Whistling Straits ann an Wisconsin bho chionn dà bhliadhna.
Chaidh moladh mòr a dhèanamh air Mac an t-Saoir, 27, is e a' cluich san fharpais 'son a' chiad uair.
Chluich fear an Òbain còmhla ri Justin Rose - cluicheadair a bha thall is a chunnaic - anns na fourballs Dihaoine is Disathairne is bhuannaich an dithis 1.5 puing.
Air an là mu dheireadh anns na farpaisean singilte rinn Mac an t-Saoir an gnothach 2&1 air Wyndham Clark - am fear a bhuannaich an US Open am-bliadhna - is e a' crìochnachadh an deireadh-sheachdain gun chall.
Thà inig an tuilleadh deagh naidheachd dha Bob fhad 's a bha e san Ròimh is an sgioba iomain aige Ceiltich an Òbain air an à ite aca san Lìog Nà iseanta a ghlèidheadh Disathairne.
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd
Ach ged a bha bruidhinn gu leòr ann mu iomain - dè bh' ann an iomain gu ìre mhòir - timcheall air sgioba na h-Eòrpa san Ròimh, 's e an goilf a fhuair prìomhachas an turas seo is Mac an t-Saoir air a dhòigh.
"Bha e dìreach sònraichte", dh'innis Bob. "Tha e a' ciallachadh na h-uimhir dha mo theaghlach is mo charaidean cuideachd. Thà inig grunnan a-mach gus taic a chumail rinn is tha mi dìreach toilichte gun do rinn sinn an gnothach.
"Bha mi nearbhasach. Thòisich mi math Didòmhnaich ach rinn mi mearachd bheag an siud is 's e dìreach a bhith a' cumail a' dol is às dèidh sin thog mi toll no dhà air an t-slighe a-steach.
"Chì sinn dè tha romhainn, chan eil fiosam an e seo a' chiad turas is an turas mu dheireadh a bhios mi san sgioba no am bi mi air ais tric.
"Cumaidh mi orm ag obair cruaidh is tha mi an dòchas gum bi mi air ais", thuirt e.
'S e sin am beachd a bh' aig sgiobair na h-Eòrpa Luke Donald. Thog esan air cho òg 's a tha grunnan den sgioba aige is e ag rà dh nach eil ann ach toiseach-tòiseachaidh dhaibh.
Tha dùil a-nise ri pà rtaidh mòr san Òban. "Bidh mi ann oidhche Luain", gheall Bob.
Agus ma tha thu san Ã’ban....