Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Ceistean às ùr mu Derek Adams is Ross County
Tha ceistean ann às ùr mu na tha an dà n do Derek Adams is Ross County, is sgioba Inbhir Pheofharain air call 5-0 ri Tobar na Mà thar oidhche Mhà irt.
Bha County 3-0 air dheireadh aig leth-ùine is bha faireachdainn ann aig a' cheann thall gum faodadh iad a bhith air barrachd na còig tadhail a chall.
Tha seo gam fà gail san 11mh à ite san lìog, còig puingean air dheireadh air St Johnstone.
Ach tha mì-chinnt ann a-rithist mu shuidheachadh Adams fhèin às dèidh dha bruidhinn ris na meadhanan às dèidh a' gheama.
Chan eil ach beagan is dà mhìos bho thill Adams dhan chluba bho Mhorecambe.
Thuirt e gu bheil e follaiseach gu bheil County ann an suidheachadh cugallach is gum bruidhinn e ris a' chathraiche is an à rd-oifigear mun t-slighe air adhart.
"Bha an cluba ann an suidheachadh doirbh nuair a thà inig mi is tha fhathast.
"Bidh còmhradh agam ris a' chathraiche is an CEO is chì sinn dè thig à s.
"Tha mi air feuchainn ri piseach a thoirt air cùisean. Bha fiosam dè bha romham nuair a thòisich mi is feumaidh mi a rà dh nach eil iongnadh sam bith orm.
"Tha e doirbh dhomh sin a rà dh oir 's e cluba sònraichte a tha seo - ach an-drà sta tha e ann an à ite gu math doirbh," thuirt e.
Ach dh'innis Adams gur e fhèin a nì co-dhùnadh mu na tha an dà n dha.
Cha do chòrd na thuirt e oidhche Mhà irt ri cuid den luchd-taic is iad ag rà dh gun robh Adams fhèin air grunnan de na cluicheadairean a chaill an aghaidh Thobar na Mà thar a thoirt dhan chluba anns na seachdainnean mu dheireadh.