Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Alba co-ionnan ann an Cologne
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Ailean MacLeòid
- Dreuchd, Fear-naidheachd Spòrs, Cologne
Tha iomairt sgioba na h-Alba aig farpais Euro 2024 beò fhathast is iad air puing fhaighinn an aghaidh sgioba na h-Eilbheis.
Chaidh sgioba Steve Clarke air thoiseach as dèidh 13 mionaidean le oidhirp Scott McTominay a' dol don lìon far Fabian Schär.
Dh’fhà g sin luchd a' bhreacain a' leumadaich ann an Cologne ach cha robh fada mus do thill an Eilbheis le slaic sgoinneil bho Xherdan Shaqiri.
Bha deagh fhortan ann do dh’Alba is bratach an leas-rèitire gan sà bhaladh dà thuras ach bidh an sguad coma.
Tha fios aca a-nis - trì puingean an aghaidh na h-Ungaire agus bidh iad troimhe.
Cus fiosrachaidh ron gheama thuirt sgioba Steve Clarke às dèidh droinneadh na Gearmailt - ach bha fios aig coin baile Chologne gum feumadh Alba tòiseachadh na b’ fheà rr.
Rinn iad sin, bhon toiseach a’ putadh suas air loidhne-cùil na h-Eilbheis. Bha stèidiam Chologne a’ bocadaich ron gheama agus bha Arm Tartain Alba glan air an dòigh an t-atharrachadh fhaicinn anns na gaisgich aca.
Fhuair an sgioba togail bhon luchd-taic agus le 13 mionaidean air a' ghleoc, sheall iad carson a tha na mìltean air an leantainn dhan Ghearmailt.
'S e ceann Scott McTominay a bhuannaich ball bho bhreab-oisein agus Billy Gilmour a fhuair fo smachd sin. Bha cluicheadair Brighton air tighinn a-steach an à ite Ryan Christie agus thug e ball a bha mìorbhaileach don sgiobair aige agus rùm gu leòr ann briseadh suas an taobh chlì.
Thug Robasdan am ball do Chalum MacGriogair agus ghabh sgiobair Celtic leth-dhiog e fhèin a shocrachadh mus do chuir e an uairsin e gu McTominay air iomall a’ bhogsa. Dh' fheuch e air an targaid – oidhirp mhath a bh’ ann gun a bhith mìorbhaileach – ach thug am ball suathadh far Fabian Schär air an t-slighe à rd a-steach don lìon.
Chaidh gach rud math a rinn Alba chun a sin a-mach air an uinneig beagan is 10 mionaidean às dèidh sin ge-tà .
Thuigeadh tu leis mar a bha na Gearmailtich air oidhche dhoirbh a thoirt dha gun robh Anthony Ralston a’ faireachdainn cuideam a' gheama.
Chan eil fhios fhathast ge-tà , cò air an robh e ag amas leis a' bhall bhon taobh dheas den loidhne-chùil. Cha do lorg e ach Xherdan Shaqiri agus chuir cluicheadair Chicago Fire teas a bha eagallach dhan bhall, cho faisg air oisean an tadhail ‘s a gheibheadh tu, agus cha robh cothrom idir aig Aonghas Gunn.
Rinn Gunn a mhearachd fhèin an uairsin, ach bha Alba air leth fortanach. Bha am ball aig Dan Ndoye san tadhal ach dhearbh dealbhan VAR co-dhùnadh an leas-rèitire gun robh cluicheadar ann an lèine gheal ro fhada air cùlaibh na loidhne-dìon.
Bidh co-dhùnaidhean aig Steve Clarke ri dhèanamh mun loidhne-dìon sin airson an ath-gheama. Chaidh Kieran Tierney sìos le greim aige air a ghlùin is e air strì an aghaidh Dan Ndoye. Tha a h-uile coltas ann gu bheil Euro 2024 air tighinn gu ceann dha-san.
Bha coltas uair eile gum biodh Alba air dheireadh. Chaidh Breel Embolo troimhe gun dragh agus chuir e am ball seachad air Gunn. Bha bratach an leas-rèitire an-à ird e anns a' bhad ach sheall dealbhan VAR gun robh an co-dhùnadh sin ceart uair eile.
B' e cothrom Grant Hanley ‘s dòcha as motha a bhios Steve Clarke a' caoidh.
Chuir Anndra Robasdan ball a bha mìorbhaileach a-steach don bhogsa agus bha an cluicheadair dìon mòr san à ite cheart gus a ghnogadh sìos dha oisean an tadhail.
Òirleach an taobh eile, bhiodh na trì puingean aig Alba agus bhiodh na mìltean de luchd-taic aig a' phà irce fhèin agus ann an iomadach à ite eile air feadh an t-saoghail glan air an dòigh.
Tha iad toilichte gun a bhith buileach air an dòigh ge-tà .
Fhuair Alba an aona phuing a bha a dhìth. Tha sin gam fà gail air am misneachadh uair eile agus le fios gum bi buaidh an aghaidh na h-Ungaire gu leòr gus adhartas a dhèanamh chun nan 16 mu dheireadh.
Bhiodh sin air a' chiad turas a-riamh a bhiodh na h-Albannaich air an leithid a dhèanamh aig farpais mhòr eadar-nà iseanta.
Tha sinn beò ann an dòchas fhathast.