Cluicheadair òg iomain air bàsachadh

Tùs an deilbh, Cluba Iomain Chinn a' Ghiùthsaich

Tha luaidh ga dhèanamh air fear de chluicheadairean òga aig Cluba Camanachd Chinn a' Ghiùthsaich, Calum Mac an Tòisich.

Chaochail e gu h-obann ann an Dùn Èideann air an deireadh-sheachdain aois 19.

Dh'innis an cluba gur e trioblaid cridhe a thug bàs dha.

Bha Calum na phàirt den sgioba a bhuannaich Cupa na Camanachd san t-Sultain.

Rugadh Calum Mac an Tòisich sa Mhàrt 2004 is bha e na sgoilear aig Bun-sgoil Drochaid Chàrr is Sgoil Ghràmair Bhaile nan Granndach.

Chluich e iomain do Cheann a' Ghiùthsaich aig ìre òigridh, is bha seusan aige le Srath Spè mus do thill e do Cheann a' Ghiùthsaich toiseach an t-seusain seo.

Ged nach robh e ach 19, fhuair e àite sa chiad sgioba - le tadhal ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh, a' cluich cuideachd ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd, is a' faighinn bhonn cuideachd 'son Cupa MhicThàmhais is a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh.

Bha coidsichean Chinn a' Ghiùthsaich air a bhòtadh mar chluicheadair òg na bliadhna.

Dh'innis an cluba oidhche Dhòmhnaich gun do chaochail Calum ann an Dùn Èideann air an deireadh-sheachdain is iad ag ràdh gun tàinig trioblaid cridhe uabhasach air.

Thuirt an cluba gur e call a th' ann dhaibh nach gabh tuigsinn, is gu bheil an smuaintean leis an teaghlach.