Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
"Seo am fear a bha mi ag iarraidh"
Gheall Raibeart Mac an t-Saoir gum biodh "pà rtaidh fìor mhòr" ann is e air Farpais Fhosgailte na h-Alba a bhuannachadh aig an Renaissance ann am Bearaig a Tuath.
Beagan sheachdainean às dèidh soirbheachadh ann an Canada, ghabh fear an Òbain an tiotal nà iseanta aige is e a' crìochnachadh gu math là idir ann an Lodainn an Ear.
Chrìochnaich e le birdie sònraichte air an toll mu dheireadh 'son 67 is -18, aona stròc air thoiseach air Adhamh Scott.
'S e bha air a dhòigh às dèidh là imh.
"Bha na deòir nam shùilean ron phutt aig an deireadh", dh'innis Mac an t-Saoir.
"Ghabh mi air mo shocair oir bha obair agam ri dhèanamh.
"Seo am fear a bha mi ag iarraidh agus fhuair mi e. Chan urrainn dhomh creidsinn gun do thachair e".
Tha seachdain mhòr eile roimhe is Open a' tòiseachadh san Truthail Diardaoin.
Thuirt Bob gu bheil e mothachail air an sin ach gum feum e soirbheachadh Bhearaig a Tuath a chomharrachadh.
"Tha an Open a' ciallachadh na h-uimhir dhomh ach feumaidh tu brath a ghabhail air na h-amannan math oir chan eil e a' tachairt ro thric.
"Bidh pà rtaidh fìor mhòr againn.
"'S e cupa mòr a th' ann. Lìonaidh sinn e is falmhachaidh sinn e is an uairsin lìonaidh sinn a-rithist e.