Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
An urrainn do dh'Alba an iomairt aca ann an Lìg nan Nà iseanan a shà bhaladh?
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Javen Houston
- Dreuchd, Fear-naidheachd a' BhBC
Tha na h-Albannaich aig bonn na buidhne aca ann an Lìg nan Nà iseanan ach a bheil dòchas ann fhathast dhaibh letheach slighe a-steach dhan iomairt?
Sin a' cheist agus le dìreach aon phuing às dèidh trì geamaichean sa bhuidhinn aca, dh'fhaodadh tu rà dh gur e dùbhlan a bhios ann dhaibh ma tha iad airson faighinn far bonn chùisean.
A dh'aindeoin geama teann an aghaidh Shasainn far an do chaill iad 2-1 agus puing fhaighinn an aghaidh na Beilge, bha 's dòcha dòchas a' fàs am measg an luchd-taic aig Alba.
An uair sin, chluich iad an aghaidh na h-Ã’laind.
Cha bhiodh e reusanta idir do dhuine sam bith sa scuad Albannach sùileachadh gum faigh iad puing sam bith às an treasamh geama aca ann am buidheann A1 an aghaidh nan Duitseach.
Chaill boireannaich na h-Òlaind a-mach ann an cairteal chuairt dheireannach Cupa na Cruinne 2023 an aghaidh na Spà inn - an dùthaich a thog an cupa aig a' cheann thall.
Chrìochnaich iad san treasamh à ite aig Farpais na h-Euros 2022 bliadhna ron a sin - còig bliadhna às dèidh dhaibh an fharpais a bhuannachadh.
Beà rn eatorra
Mar sin, abair dùbhlan a bh' ann do dh'Alba. Rinn an geama Dihaoine an aghaidh na h-Òlaind follaiseach gu bheil beà rn mhòr ann fhathast eadar iad fhèin agus na dùthchannan eile a tha tric an sàs sna farpaisean mòra.
Mar a thuirt an cluicheadair aca, Lisa Evans, "b' e leasan a bha siud", às dèidh dhaibh call 4-0 le dìreach dà oidhirp air targaid agus 33% dhen bhall a chumail.
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd, 1
Tha fios gu bheil Pedro MartÃnez Losa air a bhith ag obair trang a' feuchainn ris an sgioba aige a thogail uair eile anns na là ithean à s dèidh là imhe.
Bidh aca ri dèiligeadh le stoirm nan Duitseach airson an dà rna turas taobh a-staigh ceithir latha oidhche Mhà irt.
Ach an turas seo, bidh Pà irce Hampden air cùlaibh nan Albannach.
Agus tha dearbhadh ann a-nis gum bi aon de na cluicheadairean as cudromaiche aca, Erin Cuthbert, fut airson cluich às dèidh dhi a bhith air a goirteachadh airson a' gheama mu dheireadh.
A bharrachd air a bhith a' cruthachadh chothroman dhan sgioba aice, tha i air barrachd na 20 tadhal a chur do dh'Alba thairis air 61 ceap.
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd, 2
Aon chothrom eile
Le trì puingean, tionndadhaidh cùisean air a' cheann do dh'Alba oidhche Mhà irt.
Bhiodh siud a' fà gail dà gheama cho cudromach sa ghabhas sa bhuidhinn an aghaidh Na Beilge agus Shasainn agus bhiodh rud beag a bharrachd dòchais aca.
Le dìreach puing no gun phuing sam bith, fà saidh cùisean nearbhach le dragh ann gun tuit iad sìos far na buidhne A1.
Agus le na h-Albannaich air call a-mach air à ite aig an dà fharpais mu dheireadh aig Cupa na Cruinne agus Farpais na h-Euros, 's dòcha gun nochd ceistean mu dhreuchd a' mhanaidsear Pedro MartÃnez Losa.
Bidh an geama ri fhaicinn beò air 91Èȱ¬ Alba oidhche Mhà irt leis a' phrògram a' tòiseachadh aig 19:30.