Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Buille eile do Ghlasgow City san Roinn Eòrpa
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Javen Houston
- Dreuchd, Fear-naidheachd a' BhBC
Briseadh-cridhe do Ghlasgow City san Roinn Eòrpa is iad a' call a-mach air à ite ann an cuairt nam buidhnean trì seusanan ann an sreath.
B' e dùbhlan a bh' ann do Ghlasgow City fiù 's mus deach ball a bhreabadh oidhche Chiadain an aghaidh Brann.
Chuir an sgioba à Nirribhidh ceithir tadhail seachad orra ann an Glaschu sa chiad gheama eadarra an t-seachdain sa chaidh leis an dà sgioba an sàs san dà rna chuairt dearbhaidh airson faighinn gu Cupa Lìog nam Ban.
Mar sin, bha aig sgioba Leanne Ros ri còig tadhail, aig a' char bu lugha, a chur a-raoir.
Ach chaill iad dà thadhal eile, fear anns gach leth agus às dèidh naochad mionaid, bha an iomairt aca seachad.
Seo dìreach trì bliadhna às dèidh dhaibh a bhith an sàs ann an cairteal cuairtean dearbhaidh na farpais an aghaidh Brondby far an do chaill iad 9-1.
Àrd-choidse Glasgow City, Leanne Ross: "Tha mi là n pròis mun sgioba agus an oidhirp a chur sinn a-steach dhan gheama. Bha againn ri atharrachadh no dhà a dhèanamh air an sgioba air sgà th 's gun robh cluicheadairean air an goirteachadh agus tinn - ach rinn na cluicheadairean a thà inig a-steach an dìcheall agus airson a bhith onarach, cha robh sinn airidh air an tadhal aig an deireadh a chall."
"Tha an clà r-ama air a bhith cho teann sa ghabhas agus tha sinn gu math fortanach gu bheil sgioba mhòr là n tà laint againn ach fiù 's leis an sin, tha e doirbh."
Crìonadh aig City?
Bhiodh e furasta a rà dh nach eil Glasgow City a' dèanamh cho math sa bha iad o chionn trì no ceithir bliadhnaichean air ais nuair bha iad a' buannachadh an tiotal SWPL agus a' faighinn a-mach à cuairtean dearbhaidh Lìog na h-Eòrpa cha mhòr gach seusan.
Ach chunnaic an cluba atharrachadh dà thuras bhon à m sin, le Scott Booth a' fà gail às dèidh sia bliadhna aig an stiùir agus Eileen Gleeson, tè a thà inig a-steach dhan dhreuchd às a dhèidh, a' fà gail dìreach 13 mìosan às dèidh sin.
'S ann fo stiùir Gleeson a chaill City a-mach air cuairt nam buidhnean ann an Lìog na h-Eòrpa thairis air an dà sheusan mu dheireadh.
Cha robh e furasta dhithse fhaighinn a-mach à cuairtean dearbhaidh na farpais agus chan eil e air a bhith comasach do ghaisgeach a' chluba, Leanne Ros, City fhaighinn troimhe a bharrachd.
Mar sin, dè tha air a bhith a' dol ceà rr dhaibh?
Suidheachadh eadar-dhealaichte
Tha Glasgow City gam faighinn fhèin ann an suidheachadh caran ùr sna là itheansa.
Rinn iad obair fìor mhath an tiotal a ghoid air ais bho Rangers air an t-seusan a dh'fhalbh ach bha cùisean faisg air an là mu dheireadh agus a rèir mar a tha cùisean a' coimhead ann an Prìomh Lìog nam Ban, 's e batal a bhios ann uair eile eadar iad fhèin, Celtic agus Rangers.
Ach chan eil sgioba fhireannach, is na goireasan agus an t-airgead a tha a' tighinn an cois sin, aig Glasgow City.
An e seo am prìomh dhùbhlan a bhios romhpa nuair a thig e gu tilleadh chun t-soirbheachais a bh' aca?