Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Co-là breith caillte GMA
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Dòmhnall Pollock
- Dreuchd, 91Èȱ¬ Naidheachdan
Feuchaidh Glaschu Meadhan Earra-Ghà idheal ri greim a chumail air Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu nuair a thèid iad an aghaidh Camanachd an Ã’bain Disathairne. Ach air thoiseach air a' gheama mhòr, tha rannsachadh a rinn 91Èȱ¬ Naidheachdan is Ùisdean MacIllinnein air fiosrachadh caillte mu là ithean trà tha a' chluba a thoirt am follais à s ùr.
Cha b' e a' phrìomh naidheachd a bha aig Tìm an Ã’bain. Gu dearbh, cha robh e air duilleag aghaidh no duilleag chùil na h-iris san Damhair 1920. Ach falaichte am broinn a' phà ipeir - eadar cinn-naidheachd mu bhanais mhath Ghà idhealaich eadar feadhainn à Tiriodh is Eilean ÃŒ, "At 91Èȱ¬" a bha gu bhith aig boireannaich Chomann an Ã’bain is Latharna, agus sionnach mòr a chunnacas ann an Cinn t-Sà ile - bha aithris air caibideal ùr a bha a' fosgladh ann an iomain Ghlaschu:
"Shinty enthusiasts will be pleased to hear that a new Shinty club has been formed in Glasgow, and is called "The Blawarthill Argyll Camanachd Club". The president of the club is Mr A.E.M. Stevenson, Blawarthill, and the players and supporters all hail from Argyllshire, principally from Lochfyneside. The club has entered for the Scottish, Celtic and Iain Chisholm cups and the Shinty League, and, having several well-known Argyllshire players on the books, it looks like and intends making a name for itself. A splendid field has been obtained at Yoker, and is only about fifty yards from the cars which run from Queen Street"
Bha farpais gu leòr aca is grunn sgiobaidhean ann an Glaschu mar-thà , ach cha mhòr bhon fhìor thoiseach, bha Blawarthill a' cumail ceann a' mhaide riutha uile. Bha seo ann an linn nuair a bha sgiobaidhean Loch Fìne aig à irde ann an Cupa na Camanachd: 's e an Fhùirneis a shoirbhich ann an 1923 agus Inbhir Aora ann an 1925, 1926, is 1930. Nach eil fhios gun robh an fheadhainn às an sgìre a bha a' fuireach ann an Glaschu cuideachd aig à rd-ìre? Ann an seusan 1923/24 's iad Blawarthill a bhuannaich Lìog a' Chinn a Deas is Cupa Iain Shiosalaich.
Is bha atharrachadh cudromach eile gus tighinn air a' chluba. Tha na pà ipearan ag aithris air deasbad ann an 1923 air moladh gun rachadh an cluba còmhla ri Comann Meadhan Earra-Ghà idheal ann an Glaschu. Chuir an comann fhèin taic ris a' ghluasad aig deireadh 1923 is dh'aontaich AGM Blawarthill as t-Samhradh 1924 gur e am Mid Argyll Shinty Club a bhiodh orra bho sin a-mach.
"After discussion, it was agreed that the name of club be changed to the Mid Argyll Shinty Club, and that the club come under the wing of the Mid Argyll Association", sgrìobh fear a bha na chluicheadair dhaibh aig an à m, Donnchadh MacPheadarain à Inbhir Aora, ann am pà ipearan air an d' fhuair Ùisdean MacIllinnein sealbh.
Ach dè an diofar? 'S e gun robh Glaschu Meadhan Earra-Ghà idheal den bheachd gu seo gun deach Blawarthill Argyll a stèidheachadh ann an 1923 agus gun deach an t-ainm atharrachadh ann an 1928 - gu dearbh, tha an cluba fhèin ag rà dh gur ann an 1928 a chaidh an stèidheachadh.
Tha ceist ann fhathast air cuin a thà inig am facal 'Glaschu' a-steach dhan ainm gu h-oifigeil. Tha e a' nochdadh ann an aithrisean an toiseach ann an 1927 ach tha an dà chuid Meadhan Earra-Ghà idheal is Glaschu Meadhan Earra-Ghà idheal an uairsin ann tric is minig thar iomadh bliadhna.
'S e a tha follaiseach gu bheil an cluba pìos nas sine na bha iad a' smaointinn.
"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn ciamar a bha sinn a' dol a chomharrachadh 1928 is thà inig seo mar chlach às an adhar", dh'innis ceann-suidhe Ghlaschu Meadhan Earra-Ghà idheal, Aonghas MacAonghais.
"Tha e cianail fhèin inntinneach is feumaidh sinn bruidhinn mu dheidhinn mar chluba. Tha fhathast beagan de cheist agam cuin a thà inig Glaschu a-staigh dhan ainm agus 's e ceist inntinneach a tha sin. Tha tòrr intrigue mu dheidhinn a' ghnothaich air fad is feumaidh sinn coimhead ris agus ann an cabhag", thuirt e.
Tha GMA air gluasad mun cuairt thairis air na bliadhnaichean is iad ùine fiù 's stèidhichte taobh a-muigh a' bhaile air bruaichean Loch Laomainn. Ach tha an cluba a-nise aig Pà irc Peterson - far am bi a' chuairt dheireannach an aghaidh Camanachd an Òbain Disathairne - is gu h-iongantach, glè fhaisg air far an do thòisich Blawarthill.
Tha Aonghas ag innse gu bheil e fìor chudromach dhan chluba gun soirbhich le oidhirp dachaigh a dhèanamh dhaibh fhèin aig a' phà irc san ùine fhada, is iad ag obair còmhla ri cluba GAA is club ball-coise san sgìre.
"An tuathanas far an robh Blawarthill, chan eil e fada sam bith bho Peterson Park is tha e inntinneach, tha an aon ghearan cuideachd mu dheidhinn phà ircean ann an Glaschu a' dol air ais dhan à m sin, is tha e a' nochdadh gu math tric ann an eachdraidh a' chluba.
"Tha an aon rud ann an-drà sta, tha seòrsa de sgleò le suidheachadh Peterson Park fhèin agus dìth airgid leis a' Chomhairle, tha e a' cur sin ann an cunnart mòr gur dòcha nach bi Peterson Park againn.
"Tha sinn air a bhith ann 'son bhliadhnaichean a-nise is tha cothrom againn a gabhail os là imh ag obair còmhla ris a' bhaile - is tha iad air a bhith cianail fhèin taiceil gu seo - ach aig deireadh an là chan eil e buileach againn is tha duilgheadasan mòra air ar beulaibh a thaobh ionmhais is airgid".
Tha a' cheist seo is fuasgladh fà bharach cudromach a thaobh diofar mòr eile eadar an cluba mar a chaidh a stèidheachadh anns na 1920an agus an là an-diugh - diofar a tha a' dol fada seachad air ainm.
Mar a dh'innis an aithris ann an 1920 mu stèidheachadh Blawarthill Argyll: "the players and supporters all hail from Argyllshire".
Chan eil sin idir fìor an-diugh is freumhan domhain aca sa bhaile mhòr. Gu dearbh, 's e fear à Glaschu fhèin, Ryan Harrison, a bhuannaich duais shà r-chluicheadair an là nuair a bhuannaich an cluba an Cupa Ceilteach an-uiridh, is e am measg grunnan às a' bhaile a chluich air an là iomraiteach sin.
"Tha sinn fosgailte gu neach sam bith a tha a' tighinn dhan bhaile a tha ag iarraidh an geama a chluich, ach anns na bliadhnaichean a tha air a dhol seachad tha sinn air a bhith ag obair cianail fhèin trang leis a' chloinn sa bhaile is na sgìrean air iomall a' bhaile", mhìnich Aonghas.
"Tha clubaichean na cloinne an sin is tha sinn air a bhith ag obair gu math trang a' feuchainn ri rathad a thoirt dhaibhsan tighinn a-staigh dhan chluba. Tha an cluba a' fàs aig an ìre sin, tha sinn a' cluich aig Fo 12, Fo 14 is Fo 17.
"Tha Peterson a' toirt dhuinn cothrom math, 's e goireas air leth a th' ann is tòrr rùm 'son na boireannaich is na fir is a' chlann a bhith a' trèanadh còmhla air an aon oidhche.
"Cho fad 's a bhios à ite cluich againn, tha an cluba air an t-slighe cheart is tha tòrr obair a' dol air adhart air cùl ghnothaich sin a chumail a' dol".
Thog aithris ann an Tìm an Òbain ann an 1923 mun aonadh eadar Blawarthill is Comann Meadhan Earra-Ghà idheal air "good work in associating themselves with the movement for the encouragement for the ancient game of camanachd among the young".
Ge bith dè cho sean 's a tha an cluba agus ge bith dè thachras Disathairne, tha e follaiseach gu bheil an fheallsanachd sin fhathast beò.
Cluinnear cuairt dheireannach Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu eadar Glaschu Meadhan Earra-Ghà idheal is Camanachd an Ã’bain Disathairne beò air 91Èȱ¬ Radio nan Gà idheal, am prògram a' tòiseachadh aig 3f, is bidh e cuideachd ri fhaicinn beò air 91Èȱ¬ ALBA bho 4f.