Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Bristeadh-dùil do Chaley Thistle
Thog tadhal bho Mharc MacCoinnich an aghaidh Chaley Thisle Inbhir Nis anns an 88mh mionaid Ayr United bhon chòigeamh à ite anns an Championship chun dà rna à ite agus na play-offs.
Chuir buil a' ghèam ICT, aig an robh cothrom air na play-offs iad fhèin ro là imh, sìos dhan t-siathamh à ite.
Bha Inbhir Àir air thoiseach airson mòran dhen ghèam an dèidh do Josh Mullin tadhal fhaighinn anns a' chiad leth, ach bha sgioba Inbhir Nis co-ionnann às dèidh 81 mionaid.
Bha tadhal Nathan Sheathaich a' ciallachadh gum biodh an dà sgioba a-mach às a' phrìomh cheithir, ach chuir MacCoinnich Ayr United air ais suas.
Bha mòr ghà irdeachas an uair sin am measg luchd-leantainn Inbhir Air is an sgioba a' dol còmhnard gu iar-chuairt dheireannach nam play-offs an aghaidh Queen's Park no Partick Thistle.
Rinn ICT oidhirp mhòr anns an dà rna leth agus chaidh iad faisg air tadhail fhaighinn, ach b' anns anns an t-siathamh à ite a chrìochnaich iad, às dèidh seasan lìge a bha gu math duilich leis gun robh tòrr chuicheadaiean air an goirteachadh.
Chan e sin an seusan aca seachad buileach ge-tà is Celtic aca anns a' chuairt dheireannaich de Chupa na h-Alba an ath-mhìos.
Thuirt manaidsear Ayr United Lee Bullen: "Chluich an dà sgioba pà irt mhòr anns a' ghèam. Tha mi a' faireachdainn beagan truais do Bhilly Dodds (manaidsear ICT), ach tha mi anabarrach toilichte na play-offs a ruighinn".
Chaidh tiotal an Championship, a thuilleadh air iomadh nì eile, chun na h-oidhche mu dheireadh cuideachd, agus b' e Dùn Dè a bhuannaich an lìg, is iad a' dèanamh a' chùis air Queen's Park air falbh bhon taigh 5-3.