Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Humza Yousaf a' gealltainn èisteachd mu sgìrean HPMA
Gheall Prìomh Mhinistear na h-Alba, Humza Yousaf gun èisteadh e ri gearanan coimhearsnachdan eileanach mu a bhith a' stèidheachadh Sgìrean Fìor-ghlèidhte aig Muir (HPMA).
Thà inig a' chiad cho-chomhairle phoblach air molaidhean airson sgìrean HPMA a chur an sàs gu crìoch oidhche Luain.
Tha an riaghaltas ag rà dh gur e sgìrean HPMA an cothrom as fheà rr èiceo-shiostaman a dhìon agus ath-stèidheachadh 'son na gnìomhachasan mara agus na coimhearsnachdan a tha a' crochadh orra.
A rèir nam molaidhean dheadh 10% de mhuir na h-Alba a chur fo HPMA.
Cha bhiodh cead ann iasgach de sheòrsa sam bith a dhèanamh anns na sgìrean sin.
Tha coimhearsnachdan air a' chosta an iar agus anns na h-eileanan air a bhith ag rà dh gun toireadh seo fìor dhroch bhuaidh orra, le bhith a' cuingealachadh an iasgaich - a tha mar bhun-stèidh dhan eaconomaidh ann an gu leòr de sgìrean.
"Èistidh mi"
A' bruidhinn ann am Pà rlamaid na h-Alba Dimà irt thuirt Mgr Yousaf: "Tha mi air èisteachd agus èistidh mi ri na gearanan aig na coimhearsnachdan eileanach 's an fheadhainn a tha ris a' chladaich 's na coimhearsnachdan iasgaich.
"Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast mu cà ite am biodh na là raichean stèidhichte. Ni sinn sgrùdadh air a' cho-chomhairle."
Thuirt Mgr Yousaf gun do bhruidinn e ri Mà iri NicAilein - an rùnaire ris a bheil dìon na h-à rainneachd an urra - madainn Dimà irt agus gum biodh ise agus an riaghaltas a' conaltradh le na coimhearsnachdan iasgaich.
"Tha e mar phrionnsabal bunaiteach againn, agus tha mi ga rà dh an-diugh a-rithist...chan eil sinn a' dol a sparradh nam poileasaidhean seo air coimhearsnachdan nach eil gan iarraidh.
"Obraichidh sinn còmhla riutha ann an dòigh cuideachail."
Thuirt an riaghaltas sa cho-chomhairle gun tòisicheadh an obair gus là raich freagarrachadh a chomharrachadh ann an 2023 agus gun deadh là raich a thaghadh ann an 2026.