Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Fearg sa Mhanachainn mu mhilleadh aig Braeview
Thuirt cluba iomain na Manachainn gur e briseadh-dùil uabhasach a th' ann gun deach milleadh a dhèanamh air a' phà irc aca.
Chaidh cà raichean a dhrà ibheadh air a' phà irc aig Braeview is chaidh sgrios a dhèanamh air an fheur.
Thachair seo aig à m nuair a tha a' Mhanachainn a' cluich sa Phrìomh Lìog airson a' chiad turas.
Tha an cluba air an seusan eachdraidheil a thòiseachadh gu là idir is iad air an dà gheama aca thuige seo a bhuannachadh.
"Tha sinn moiteil dha-rìribh às a' chluba againn agus a' phà irc agus 's e briseadh-cridhe a th' ann a bhith a' faicinn a' mhillidh a chaidh a dhèanamh," thuirt a' Mhanachainn ann am brath air-loidhne.
"'S e goireas air leth cudromach a tha sa phà irc chan ann a-mhà in do cluba iomain na Manachainn ach don choimhearsnachd sa fharsaingeachd. Tha sinn ag iarraidh air daoine urram a shealltainn dhi agus fiosrachadh a thoirt seachad ma chì iad dad a tha amharasach.
"Chan urrainn dhuinn leigeil leis tachairt a-rithist is tha sinn feumach air taic bhon choimhearsnachd," thuirt iad.
Dh'innis an cluba gu bheil na poilis an sàs sa chùis is gu bheil iad ag obair còmhla riutha feuch faighinn a-mach cò rinn am milleadh.