"Feumaidh sinn creidsinn annainn fhin" - MacAoidh

Tùs an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Calum MacGriogair air an targaid an Inbhir Pheofharain an Cupa na Lìge san Lùnastal.

Thuirt manaidsear Ross County nach bu chòir eagal a bhith air na cluicheadairean aige air thoiseach air a' gheama mhòr an aghaidh Celtic air Ghàidhealtachd Didòmhnaich.

Tha sgioba Malky MhicAoidh san dàrna àite bhon bhonn sa Phrìomh Lìog - an t-àite play-off - is iad dà phuing os cionn Dundee United is puing air dheireadh air Cill Mheàrnaig.

Ged a tha Celtic aig mullach na lìge is iad air buannachadh 3-1 is 4-1 ann an Inbhir Pheofharain mar-tha air an t-seusan seo, thuirt MacAoidh gu bheil e misneachail.

"Tha sinn a' cluich an aghaidh na sgioba as fheàrr san dùthaich ach feumaidh sinn creidsinn annainn fhin", dh'innis MacAoidh do Sky Sports.

"Tha Ange air obair mhòr a dhèanamh le Celtic is tha fios againn cho doirbh 's a bhios e.

¶Ùù²ú³ó±ô²¹²Ô

"Feumaidh sinn a bhith misneachail ge-tà, air neo chan eil cothrom idir againn. Chan urrainn dhut dragh a ghabhail mun bhaidse, feumaidh tu cluich an aghaidh nan cluicheadairean fhèin", thuirt e.

Dh'innis MacAoidh cuideachd gu bheil spiorad làidir ann an sgioba Chounty, a dh'aindeoin an t-suidheachaidh aca.

"Bha cùisean suas is sìos ach tha spiorad air leth am measg nam balach.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun toir sinn geama fìor chruaidh dhan sgioba eile anns gach geama eadar seo is deireadh an t-seusain. Tha naoi geamaichean air fhàgail agus 's e sin an dùbhlan", thuirt e.