Caibineat ùr air a thaghadh

Tùs an deilbh, PA Media

Tiotal an deilbh, 'S i Shona Robison Rùnaire ùr an Ionmhais.

Chaidh Shona Robison ainmeachadh mar rùnaire an ionmhais sa chaibineat aig Humza Yousaf.

Dh'fhoillsich Mgr Yousaf an caibineat ùr Diciadain às dèidh dha a bhòidean a ghabhail mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba nas tràithe ann an seirbheis ghoirid aig Cùirt an t-Seisein.

Bha fios mar-tha gun robh Shona Robison gu bhith na Leas-Phrìomh Mhinistear, is bidh a-nise uallach an ionmhais oirre cuideachd.

Tha i a' dol àn àite Ceit Fhoirbeis, a bha san dàrna àite san fharpais airson ceannas an SNP.

Cho-dhùin a' Bh.Ph. Fhoirbeis an Riaghaltas fhàgail seach obair a ghabhail mar Rùnaire nan Cùisean Dùthchail.

Air a' cheann thall tha Màiri Gougeon a' fuireach san obair sin.

A thuilleadh air sin, 's e Mìchael MacMhathain Rùnaire ùr na Slàinte, an obair a bh' aig Mgr Yousaf.

'S i Jenny Gilruth - a bha na Ministear airson Còmhdhail - Rùnaire ùr an Fhoghlaim.

³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ

Tha 91Èȱ¬ Naidheachdan a' feitheamh dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba a bheil uallach airson na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a' fuireach mar phàirt den obair sin mar a bha san Riaghaltas mu dheireadh.

Tha Angela Constance a' dol an àite Keith Brown mar Rùnaire a' Cheartais is tha Aonghas Robasdan a' fuireach mar Rùnaire a' Bhun-reachd is a' Chultair.

Tha àite sa Chaibineat ùr cuideachd do Mhàiri NicAilein mar Rùnaire Chàrboin Neodraich is Neil Gray mar Rùnaire a' Chumhachd.

Chaidh Shirley-Anne Somerville a ghluasad gu dreuchd Rùnaire a' Cheartais Shòisealta.

Tha còignear den Chaibineat nas òige na 40 agus 'son a' chiad turas tha boireannaich sa mhòr-chuid.

Thuirt Mgr Yousaf gu bheil e air sgioba a thagadh gus ro-innleachd radaigeach a thoirt air adhart.

Dh'innis e gum bi dèiligeadh ri bochdainn chloinne, seirbheisean poblach a leasachadh, agus eaconomaidh nas cothromaiche is nas uaine a thogail am measg nam prìomhachasan a bhios aige.

Bhòtaidh Pàrlamaid na h-Alba air a' Chaibineat ùr Diardaoin.