Ceannard ùr an SNP: Humza Yousaf

Tùs an deilbh, Reuters

Chaidh Humza Yousaf a thaghadh le ballrachd an SNP airson a bhith mar cheannard ùr, às dèidh do Nicola Sturgeon leigeil fhaicinn gun robh i a' dol a sheasamh sìos.

Bha Mgr Yousaf ga fhaicinn mar phrìomh thagraiche 'son ceannas a' phàrtaidh am measg mòran de luchd-poileataigs agus luchd-naidheachd agus b' e a fhuair taic an t-seann cheannard Nicola Sturgeon agus àrd bhuill eile, a leithid John Swinney.

Tha am BPA airson Glaschu Pollok air a bhith 'sa Phàrlamaid bho 2011 agus tha e air grunn dhreuchdan riaghaltais a thoirt a-mach bhon uairsin.

Fhuair e dreuchd mar mhinistear na h-Eòrpa agus leasachadh eadar-nàiseanta ann an Riaghaltas Alex Salmond ann an 2012.

Bha e an uair sin na Mhinistear Còmhdhail agus Rùnaire a' Cheartais agus tha e air a bhith na Rùnaire Slàinte bhon Chèitean 2021.

Tùs an deilbh, PA Media

Tiotal an deilbh, Mgr Yousaf le phàrantan Shaaista and Muzaffar

'S e Mgr Yousaf a' chiad neach bho mhion-shluagh a th' air a dh'fhaodadh a bhith os cionn Riaghaltas na h-Alba agus 's e cuideachd a' chiad Mhuslamach a chaidh a thaghadh mar cheannard prìomh phàrtaidh poileataigeach san Rìoghachd Aonaichte.

'S ann à Pacastan a tha athair Mgr Yousaf bho thùs agus rinn e imrich a dh' Alba le a theaghlach anns na 1960an. Rugadh a mhàthair ann an Ceinia do theaghlach a ceann a Deas Aisia.

Tha Mgr Yousaf tric air bruidhinn mu bhith a' fulaing gràin-cinnidh, agus chaidh fireannach, 25, agus boireannach aois 35 a chur fo chasaid aig toiseach iomairt a' cheannais airson a bhith a' bagairt air.

Connspaid

Chan eil ùine Humza Yousaf san riaghaltas air a bhith gun chonnspaid.

Fhad 's a tha e air a bhith mar Rùnaire na Slàinte, tha amannan feitheimh ospadail air a dhol am meud gu mòr, rud a tha Mgr Yousaf ag ràdh a tha sa chumantas air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Chaidh càineadh a dhèanamh air Bile Eucoir Gràin Mhgr Yousaf agus dragh air moran mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air saorsa-labhairt.

Tha luchd-taic Mhgr Yousaf air a bhith luath gus dìon a chur air a' chlàr aige ann an oifis, 's iad ag ràdh gun deach crìoch a chur air Drochaid Phort na Banrighinn nas tràithe agus nas saoire na chaidh a ghealltainn fhad's a bha e na Rùnaire Còmhdhail agus lùghdachadh ann an ìrean eucoir fhad's a bha e na Mhinistear a' Cheartais.

Tùs an deilbh, Getty Images

Tiotal an deilbh, Tha Mgr Yousaf air a bhith dlùth ri Nicola Sturgeon 'sna 8 bliadhna aice mar cheannard.

Dè a-nis?

'S iomadh dùbhlan a bhios ro Humza Yousaf agus e a-nis na Cheannard air an SNP.

Bha e soilleir tro iomairt a' cheannais gun dèanadh e strì sa chùirt an aghaidh co-dhùnadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte bacadh a chur air atharrachaidhean ann am poileasaidhean aithneachaidh gnè Riaghaltas na h-Alba.

B'e an aon thagraiche a thuirt Pàrtaidh Uaine na h-Alba gum biodh iad deònach leantainn ann an compairteachas leis.

Feumaidh e cuideachd dearbhadh dè na planaichean a th' aige airson neo-eisimeileachd do dh' Alba a thoirt gu buil. Bidh obair mhòr ri dhèanamh cuideachd gus aonachd a thilleadh do phàrtaidh far a bheil sgaraidhean air sìor èirigh agus an rèis airson a' cheannard ùr air a bhith a' leantainn.

Dimàirt feumaidh Mgr Yousaf faighinn tro bhòt aig Holyrood mus tèid a dhearbhadh mar phrìomh mhinistear.