Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
CnES a' cur an aghaidh Sgìrean Mòr-Ghlèidhte aig Muir
Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad gu mòr an aghaidh phlanaichean Riaghaltas na h-Alba sgìrean ùra aig muir le dìon sònraichte (HPMA) a chomharrachadh.
Thòisich co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air na molaidhean airson HPMA a chruthachadh airson dìon a bharrachd a chur air uisgeachan na dùthcha.
Tha Comhairle nan Eilean Siar air fearg a nochdadh mu na molaidhean.
Choinnich Buidheann-Obrach Bhun-Ghnìomhachasan an ùghdarrais ionadail Diciadain ri riochdairean iasgaich agus giollachd èisg airson am beachdan a chluinntinn mu na tha fa-near dhan riaghaltas.
Fearg
Cho-dhùin na bha an là thair gum bu chòir dhan Chomhairle moladh sam bith airson HPMA a chruthachadh sna h-Eileanan an Iar neo far chosta an iar na h-Alba a dhiùltadh.
A' bruidhinn às dèidh na coinneimh thuirt Cathraiche na Buidhne-Obrach, an Comhairliche Tormod Dòmhnallach: "'S ann glè ainneamh a bha mi aig coinneimh far an robh fearg agus sà rachadh nan comhairlichean cho follaiseach.
"Tha na molaidhean HPMA, ma thig iad gu bith, a' dol a dhèanamh cron mòr air eaconamaidh nan Eilean Siar. Nì e call mòr air obair an iasgaich, bidh fìor dhoch bhuaidh air na coimhearsnachdan as iomallaiche againn agus fà gaidh e gum falbh barrachd dhaoine às na h-eileanan.
"Tha e soilleir nach eil tuigse cheart aig ministearan riaghaltais agus an fheadhainn a bhios a' cruthachadh phoileasaidhean air a' chron a bhios an lùib nam molaidhean air eaconomaidh agus coimhearsnachdan nan Eilean Siar," thuirt an Comh. Dòmhnalladh.
Obair a bhiodh toirmisgte
Nan dèigheadh inbhe HPMA a bhuileachadh air sgìre mhara bhiodh casg air na leanas a rèir na Comhairle:
- iasgach sam bith
- tuathanasan èisg is maoraich
- buain feamad,
- obair ola is gas
- pròiseactan ath-nuadhachail
- cà ballan fon mhuir
- cruthachadh haidreadsain
- eacarsaichean airm
- cidheachan ùra
- ±è³Ü¾±°ù³Ù-´Ú³óà ²Ô²¹¾±²õ
"An eaconamaidh ghorm"
A-rèir pà ipear conaltraidh Riaghaltas na h-Alba 's e amas nam molaidhean aca HPMA a stèidheachadh à rainneachd na mara a ghlèidheadh.
Tha iad ag rà dh gu bheil an t-uabhas obrach ri dèanamh fhathast mus mol iad là raichean nan sgìrean glèidhte.
Tha Ministear na h-Àrraineachd agus Ath-leasachaidh Fearainn, Mà iri NicAilean BPA, a' brosnachadh dhaoine air am faod na molaidhean seo buaidh a thòirt am beachdan a thoirt seachad.
Thuirt i gun robh i airson co-obrachadh leotha airson an lèirsinn a th' aca airson na h-eaconamaidh guirme a neartachadh a choileanadh.