Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Deuchainnean dhrugaichean do luchd na h-iomain
Thèid cluicheadairean camanachd fo dheuchainnean airson drugaichean air an t-seasan ùr a tha a' tòiseachadh an ath-mhìos.
Bidh bùth-obrach ann oidhche Dhiardaoin a' mìneachadh do sgiobaidhean agus buidhnean camanachd mar a bhios na deuchainnean a' tachairt agus cò air a dh'fheumas cluicheadairean is sgiobaidhean an aire a thoirt.
'S e am buidheann poblach UK Anti-Doping (UKAD) a bhios ga là imhseachadh.
Tha Comann na Camanachd air cùlaibh an atharrachaidh seo agus bidh iadsan a' pà igheadh air a shon.
"Tha greis on a bha iad ag rà dh nach robh airgead no stòras gu leòr aca airson sgeama mar seo a thoirt a-staigh ach tha iad air airgead a lorg," thuirt am fear-naidheachd iomain, Ùisdean MacIllinnein.
"Tha daoine air a bhith a' bruidhinn mu dhèidhinn seo airson bhliadhnaichean.
"'S e comharra a tha seo gu bheil iad a' gabhail uallaich orra fhèin dèiligeadh le triobliad 's dòcha a th' ann.
"'S e pà irt à bhaisteach de spòrs a tha seo far a bheil iomadach spòrs a' cleachdadh dhearbhaidhean mar seo airson a dhèanamh cinnteach gu bheil na cluicheadairean sà bhailte agus falainn a' dol air adhart."
Às aonais leithid de sgeama, tha ceistean air a bhith ag èirigh mun chuspair a rèir Mhgr MhicIllinnein.
"Tha a h-uile duine againn eòlach gu leòr air tachartasan ann an saoghal na camanachd far a bheil ceistean air an togail an robh drugaichean an lùib na cùise.
"Chan eil mi ag rà dh gun robh ann an suidheachadh sam bith, ach tha na ceistean sin air a bhith ag èirigh.
"Tha fios gu bheil drugaichean nan trioblaid anns na coimhearsnachdan far a bheil camanachd ga cluich.
Chan fhaigh na cluicheadairean no na sgiobaidhean fios ro-là imh, agus faodaidh muinntir UKAD nochdadh aig geama sam bith no aig seiseanan trèanaidh gun rabhadh.
Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè thachras ma bhios cluicheadair a' diùltadh pà irt a ghabhail ann an deuchainn.