Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Jen Beattie MBE a' leigeil dhith a dreuchd ann am ball-coise eadar-nà iseanta
Thig an ùine aig Jen Beattie MBE còmhla ri Sgioba Ball-coise nam Ban aig Alba gu crìch às dèidh dhi a bhith a' cluich dhaibh bho 2008.
Bho chluich i a' chiad gheama aice do dh'Alba ann an geama cà irdeil an aghaidh nan Stà itean Aonaichte, tha Beattie air 143 ceap do dh'Alba fhaighinn.
Bliadhna às dèidh sin, ann an 2009, fhuair i a' chiad tadhal aice dhaibh ann an cuairtean dearbhaidh Farpais na Euros an aghaidh a' Phortagail - a' chiad iomairt aice còmhla ris an sgioba nà iseanta.
Cha d' fhuair iad troimhe dhan fharpais sin ach bhiodh cothrom aig Beattie fhathast Alba a riochdachadh ann am farpais mhòir.
Bha i mar phà irt den sguad a chluich aig Farpais na Euros 2017 anns na h-ìrean ìsle - a' chiad turas a ghabh na h-Albannaich pà irt ann.
Dà bhliadhna às dèidh sin, b' i Beattie aon de na cluicheadairean a sgrìobh a h-ainm sna leabharaichean-eachdraidh turas eile, nuair a nochd Alba aig Cupa na Cruinne airson a' chiad turas.
"Tha mi air a bhith gu math pròiseil a bhith a' cluich do dh'Alba agus 's e rud sònraichte a bh' ann dhomh", Thuirt Beattie.
"Tha mi air a bhith a' cluich dhan sgioba nà iseanta airson faisg air dà rna leth mo bheatha agus tha e air a bhith fìor mhath a bhith mar phà irt den leasachadh sa gheama".
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd, 1
Tha Jen Beattie air duais MBE fhaighinn deireadh na bliadhna a dh'fhalbh cuideachd airson an dà chuid a cuid oirdhirpean air a' phà irce ball-coise agus a cuid obrach a thaobh aire dhaoine a thogail do charthannas aillse.
Chùm i oirre na cluicheadair do dh'Alba agus an sgioba aice Arsenal, a dh'aindeoin 's gun robh i a' fulaing le aillse-broillich anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.
Thuirt à rd-choidse Sgioba na h-Alba, Pedro Martinez Losa: "Chan e soraidh-slà n a tha seo ach earrann ùr san dhreuchd aice, ceum far am bi mo chomhairle ann dhi gu brà th".
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd, 2