Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Dùil ri toradh bhòt Bhà gh na Hearadh
Bidh fios a-nochd, Diciadain an 21mh den t-Sultain, an do bhòt coimhearsnachd Oighreachd nam Bà gh sna Hearadh agus am Beà rnaraigh gus am fearann a cheannach.
'S i Oighreachd nam Bà gh aon de na h-oighreachdan as motha sna h-Eileanan Siar a tha fhathast fo uachdaran phrìobhaideach.
Tha an oighreachd a' gabhail a-staigh a' mhòr-chuid de dh'fhearann air taobh sear na Hearadh, a bharrachd air An Taobh Tuath agus Eilean Bheà rnaraigh.
Ma gheibh na planaichean taic, tha a' bhuidheann-stiùiridh ag rà dh gur e oighreachd fìor phrothaideach dhan choimhearsnachd a bhios innte.
Tha luchd-taic na h-iomairt ag iarraidh gum bi taigheadas aig prìs reusanta ri fhaighinn agus gun tèid obraichean a chruthachadh ma tha iad soirbheachail.
Bha dùil ris a' bhòt sa Chèitean 2020 ach chaidh a chur dheth ri linn mar a sgap Covid-19.
Chaidh pà ipearan-baileit a sgaoileadh aig toiseach na mìos agus thèid na bhòtaichean a chunntadh aig 7f Diciadain ann an talla-coimhearsneachd Bhà gh na Hearadh.
'S ann leis an teaghlach Hitchcock, stèidhichte an Surrey ann an Sasainn, a tha an oighreachd aig an à m seo.