Soirbheachas dha Raibeart Mac an t-Saoir anns an Eadailt

Tùs an deilbh, Getty Images

'S e Raibeart Mac an t-Saoir às an Òban a bhuannaich Farpais Fhosgailte na h-Eadailt.

Rinn Mac an t-Saoir, 26, a' chùis air Matt Fitzpatrick, am fear a thog Farpais Fhosgailte nan Stàitean Aonaichte as t-samhradh, anns a' chiad toll de phlay-off.

Bha Mac an t-Saoir air 64 a chur air an là mu dheireadh san Ròimh is 10 birdie aige na chuairt.

Chrìochnaich e fhèin is Fitzpatrick -14 le Victor Perez air -13 is Rory McIlroy air -12.

'S e seo an dàrna tiotal aig Raibeart Mac an t-Saoir air Cuairt DP às dèidh dha soirbheachadh ann an Cìopras ann an 2020, ach 's e clach-mhìle mhòr a tha seo dha is McIlroy, Tyrrell Hatton, Viktor Hovland, a thuilleadh air Matt Fitzpatrick fhèin, am measg na bha na aghaidh san Ròimh.

&±ç³Ü´Ç³Ù;³§Ã²²Ô°ù²¹¾±³¦³ó³Ù±ð&±ç³Ü´Ç³Ù;

Tha e cuideachd air puingean cudromach a chosnadh dhan oidhirp aige àite fhaighinn ann an sgioba na h-Eòrpa airson Chupa Ryder an ath-bhliadhna, farpais a bhios anns an Ròimh.

Thàinig e cuideachd às dèidh dha Mac an t-Saoir tuiteam sìos ranganan an t-saoghail gu 110 anns na mìosan mu dheireadh.

"Tha seo dìreach sònraichte dhomh", thuirt Mac an t-Saoir dha Sky Sports.

"Bha mi gu math ìosal bho chionn dhà no trì mìosan. Cha robh fios agam dè bha mi a' dèanamh no dè dhèanainn, ach bhruidhinn sinn ris na daoine ceart, thòisich mi ag obair le Simon Shanks (coidse Mhic an t-Saoir) is chluich mi dà shlaic aig an ìre as àirde aig an toll mu dheireadh an sin.

"Bhuail mi slaic uabhasach air 15 is bha mi a' smaointinn gun robh mi ann an staing ach chùm sinn oirnn. Sin mar a tha mi, chan eil mi 'son gèilleadh. Gabhaidh mi na buillean is buailidh mi air ais", thuirt e.