Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Geamaichean Iomain beò air 91Èȱ¬ ALBA
Thèid an dà iar-chuairt dheireannach, agus cuairt dheireannach Chupa Valerie Fhriseil, a chraoladh air 91Èȱ¬ ALBA am-bliadhna.
A bharrachd air na trì geamaichean sin, bidh cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh ri fhaicinn air beò air an t-seanail cuideachd. Thèid cuairt dheireannach Cupa na Camanachd a chraoladh air 91Èȱ¬ Scotland.
Coinnichidh Lòbhat ri Caol Bhòid sa Ghearasdan Disathairne 6mh an Lùnastal.
Às dèidh dhaibh call an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghà idheal ann an cuairt dheireannach Chupa Comann Ceilteach Ghlaschu, rinn iad a' chùis orra Disathairne airson à ite fhaighinn san iar-chuairt dheireannaich den fharpais seo.
Ach bidh Lòbhat là n dòchais adhartas a dhèanamh bhon iomairt aca sa chupa an-uiridh nuair a rinn Ceann Loch Seile a' chùis orra sa chuairt dheireannaich 3-1.
Sa gheama eile, cluichidh Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Camanachd an Òbain.
Chan eil Ceann a' Ghiùthsaich air geama a chall fhathast air an t-seusan seo agus tha iad air Cupa MhicThà mhais a thogail mu thrà th.
Ach bha aig Camanachd an Òbain ri Ceann Loch Seile a chur a-mach às an fharpais, sgioba a thog an cupa an-uiridh.
Iar-chuairtean Deireannach Cupa na Camanachd
Lòbhat v Caol Bhòid, Disathairne 6mh an Lùnastal, 4:05f, an Àird, sa Ghearasdan.
Ceann a' Ghiùthsaich v Camanachd an Òbain, Didòmhnaich 14mh an Lùnastal, 4:05f, an Àird, sa Ghearasdan.
Cuairt Dheireannach Chupa MhicAmhlaidh
Ceann a' Ghiùthsaich / Lòbhat v Camanachd an Òbain / Caol Bhòid.
Didòmhnaich 21mh an Lùnastal, 2:05f, Pà irce Mossfield, san Òban.
Cuairt Dheireannach Chupa Valerie Fhriseil
Bà ideanach / Obar Dobhair v An t-Eilean Sgitheanach / Glaschu Meadhan Earra-Ghà idheal, Disathairne, 3mh an t-Sultain, 4:05f, An t-Eilean, Bà ile Ùr an t-Slèibh.