Sgioba na h-Ucràin a’ toirt togail dhan dùthaich aca

Tùs an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Chuir an tadhal aig Andiry Yarmolenko an Ucràin air an rathad gu ruige buaidh ainmeil.
  • Ù²µ³ó»å²¹°ù, Javen Houston
  • Dreuchd, Fear-naidheachd a' BhBC

A dh'aindeoin an t-suidheachaidh a th' aca anns an Ucràin, thug an sgioba ball-coise aca pròis dhaibh aig Pàirce Hampden oidhch' Chiadain an aghaidh sgioba na h-Alba is iad a-niste ceum nas fhaisge air Cupa na Cruinne 2022.

Chuir Andriy Yarmolenko aig an Ucràin a' chiad tadhal den gheama ro letheach-ùine agus dhùblaich Roman Yaremchuk an sgòr tràth san dàrna leth. Cha robh an aon tadhal aig Alba, a fhuair Calum MacGrìogair, gu leòr airson na h-Ucràinianaich a ghlacadh, is rinn Artem Dovbyk cinnteach gur e an sgioba aigesan a shoirbhich nuair a chuir e an Ucràin 3-1 air thoiseach leis a' bhreab mu dheireadh den gheama.

Bha Pàirce Hampden làn dathan an dà dhùthaich mus do thòisich an geama is cuid de luchd-taic na h-Alba le lèintean na h-Ucràin orra airson dlùth-phàirteachas a shealltainn. Chaidh an dà òran-nàiseanta a sheinn le spiorad agus bha an t-àm ann airson an geama a chluich - geama a bhathar an dùil cluich sa Mhàrt, mus do chuir ionnsaigh na Ruis air an Ucràin cnap-starra san rathad.

Bhon chiad mhionaid, bha làmh an uachdair aig na h-Ucràinianaich. Chùm iad greim air a' bhall is iad ga chur mu chuairt na pàirce gu sgiobalta. Nochd ceistean ron gheama mu cruth nan Albannach leis gun robh Kieran Tierney a dhìth. Ach thagh àrd-choidse na sgioba, Steve Clarke, an cruth a bh' aca a thug dhaibh soirbheachas sna geamaichean mu dheireadh - còignear aig a' chùl, triùir ann am meadhan na pàirce agus dithis aig a' mhullach. Cha do dh'obraich e sa gheama seo ge-tà.

Bha aig Craig Gòrdan ri trì no ceithir sàbhalaidhean sònraichte math a dhèanamh sa chiad-leth. Le beagan a bharrachd na leth-uair air a' chleòc, cha robh e comasach dha stad a chur orra. Chuir Malinovskyi ball eagalach math suas a' phàirce agus lorg e Yarmolenko a bha a-nis air cùl loidhne-dìon na h-Alba. Chuir esan am ball thairis air Gòrdan is coltas cho ciùin 's a chì thu air. Bha na h-Ucràinianaich air thoiseach, 's an luchd-taic aca a' dol às an ciall.

Tùs an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Dh'fhuirich luchd-taice na h-Ucràin fada an dèidh dhan gheama crìochnachadh 's iad air an dòigh.

Cha do fhreagair Alba mus do shèid an rèitire an fhideag airson letheach-ùine. Dh'atharraich Steve Clarke an sgioba aige airson an dàrna-leth, is Lyndon Dykes a' tighinn far na pàirce airson cothrom a thoirt do Ryan Christie buaidh a thoirt air a' gheama. Bha e follaiseach gun robh Clarke ag iarraidh barrachd chluicheadairean ann am meadhan na pàirce far an robh na h-Ucràinianaich a' cumail smachd air cùisean.

Ceithir mionaidean a-steach dhan dàrna-leth, chuir Yaremchuk an sgioba dà thadhal air thòiseach le a cheann às dèidh do Karavaev ball a chur dhan phòsta-chùil. Cha robh na h-Ucràinianaich a' dèanamh sìon sam bith àraid, ach bha iad a' dèanamh nan rudan sìmplidh fìor mhath gun mòran mhearachdan.

Le beagan a bharrachd na leth-uair air fhàgail, bha e foillaiseach gun do mhothaich Alba gun robh dòchas Cupa na Cruinne a ruighinn am-bliadhna a' dol à sealladh.

Chuir iad cuideam air an Ucràin airson a' chiad uair sa gheama agus cha mhòr nach do dh'obraich e nuair a thàinig am ball far chois MacGriogair nuair a dh'fheuch am fear-glèidhidh am ball fhaighinn air falbh.

Bha oidhirp air targaid fhathast a dhìth air na h-Albannaich ge-tà.

Còig mionaidean às dèidh sin, thuit an cothrom às fheàrr dha na h-Albannaich do Iain MacFhinn. Shàbhail Bushchan oidhirp bho McTominay agus gun chuideam sam bith, chuir MacFhinn am ball seachad air a' phòsta dheas le a cheann. Cha b' urrainn dha fhèin no luchd-taic na h-Alba creidsinn nach deach e a-steach.

Chùm Alba orra gun mòran soirbheachais agus bha eagal ann gun robh na h-Ucràinianaich a' dol a dh'fhaighinn an treasamh tadhail den gheama, le cho àrd 's a bha na h-Albannaich suas a' phàirce. A bharrachd air sin, cha robh coltas sgìth air na h-Ucràinianaich idir, a dh' aindeoin 's nach do chluich an sgioba geama farpaiseach bhon t-Samhain an-uiridh.

Ge-tà, bha cothrom do sgioba Steve Clarke fhathast is deich mionaidean air fhàgail air a' chleòc.

Dh'fheuch MacGriogair oidhirp bho thaobh a-muigh a' bhocsa agus a dh'aindeoin 's gun d' fhuair am fear-glèidhidh làmh air, chùm am ball air a-steach dhan tadhal. Fhuair Stepanenko a chas air ach dhearbh an rèitire gun deach e seachad air an loidhne.

Ge-tà, cha robh cothrom ceart aig Alba an dàrna tadhal fhaighinn agus ùine a bharrachd a chosnadh. Le diogan air fhàgail air a' chleòc, bhrìs na h-Ugràinianaich suas a' phàirce le astar agus chuir Dovbyk am ball seachad air Gòrdan. Bha an geama seachad.

Thug an sgòr, 3-1 gu na h-Ucràinianaich, toileacheas, dòchas agus pròis dhan luchd-taic aca ann am Pàirce Hampden agus air feadh an t-saoghail.

Briseadh-crìdhe do luchd-taic na h-Alba is an iomairt fhada aca airson fhaighinn dhan chiad Cupa na Cruinne bho 1998 a' tighinn gu crìch.

"Feumaidh mi ri a ràdh gun robh na h-Ucràinianaich airidh air an geama sin a bhuannachadh. Bha iad fada na b' fheàrr na Alba air feadh na pàirce. Cha d' fhuair Alba faisg gu leòr orra idir", thuirt Stiùbhart Urchardan a bha mar phàirt den sgioba-aithris air 91Èȱ¬ Radio nan Gàidheal.

"Tha mi a' smaoineachadh gun do chluich Alba math airson 15 no 20 mionaid aig deireadh a' gheama ach bha iad ro anmoch. Ann an dòigh, bha an geama seachad nuair a chaidh an dàrna tadhal a-steach. Agus tadhail gu math dona a chaill Alba a-nochd leis an fhirinn innse."

Bha Calum MacFhearghais mar phàirt den sgioba-aithris cuideachd.

"Bha seo na gheama mhòr agus tha fhios againn uile air sin ach ann am ball-coise, tha agad ri ghluasad air adhart. Sin nàdar a' gheama. 'S dòcha gu bheil cothrom do [Steve Clarke] an aghaidh Armenia airson rudeigin ùr fheuchainn. Rudeigin eadar-dhealaichte. Bha plana B agus plana C a dhìth oirnn a-nochd agus cothrom a th' ann a-nis sin a lorg", thuirt e.