Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Briseadh-cridhe do Rangers an Seville
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Javen Houston
- Dreuchd, Fear-naidheachd a' BhBC
Feumaidh luchd-taic Rangers feitheamh air cothrom eile ma-thà gus duais Eòrpach a thogail is iad air call air breaban-peanais an aghaidh Eintracht Frankfurt ann an cuairt dheireannach Lìog Europa.
Rinn barrachd na 100,000 luchd-taic an slighe gu Seville a dh'aindeoin 's gun robh nas lugha na 10,000 tiocaidean airson a' gheama ri fhaighinn dhaibh. Cha do chuir sin dragh orra 's bha Seville a' cur thairis le luchd-taic Rangers agus Frankfurt.
Thòisich a' chiad-leth le connspaid nuair a dh'fheuch Iain Lundstrum am ball a bhreabadh. Ghlac e ceann Sebastian Rode leis an oidhirp ach cha robh an rèitire den bheachd gun robh e airidh air cairt sam bith.
Rud beag a bharrachd na deich mionaidean a-steach dhan gheama, bha aig neach-glèidhidh Rangers, Ailean MacGriogair, ri dà shà bhaladh a dhèanamh às dèidh a chèile. Thuit a' chiad chothrom ceart do Joe Aribo le 25 mionaidean air a' chleoc. Fhuair e am ball bho Scott Wright pìos beag a-muigh bogsa Frankfurt agus dh'fheuch e ris a lùbadh mun cuairt air Kevin Trapp. Tha an aon seòrsa oidhirp air a bhith soirbheachail dha am-bliadhna, ach cha do dh'obraich e mar a bha e an dùil an turas seo 's am ball a' dol seachad air a' phost.
Agus 's ann do Aribo a thuit an ath-chothrom. Chaidh am ball thairis air loidhne-dìon Frankfurt agus ann am priobadh na sùla, bhris Aribo troimhe agus chuir e am ball gu sgiobalta seachad air an neach-glèidhidh. Bha Rangers air thòiseach.
Dìreach dusan mionaidean às dèidh sin ge-tà , fhuair Frankfurt tadhal dhaibh fhèin. Borré ga lorg fhèin eadar Goldson agus Bassey le cothrom am ball a chur dhan lìon às dèidh ball a-steach dhan bhogsa às an taobh chlì. Agus sin a rinn e.
Bha cothroman aig gach sgioba ach bha feum air ùine a bharrachd is iad fhathast le tadhal an urra às dèidh uair a thìde gu leth.
Feumaidh gun robh teas Seville a' toirt buaidh air na cluicheadairean 's coltas sgìth orra ach chùm iad orra. Bha dìreach dà mhionaid air fhà gail de dh'ùine a bharrachd nuair a chruthaich Kemar Roofe cothrom eile. Chuir e am ball a-steach dhan bhogsa gu luath agus rinn Ryan Kent a dhìcheall a bhròg fhaighinn air. Rinn e sin, ach bha Trapp gleusta airson stad a chur air an oidhirp.
Bha feum air breapan-peanais.
Chuir an dà sgioba trì dhan lìon gun trioblaid sam bith mus do chòisich Aaron Ramsey suas airson Rangers. Thagh an cluicheadair a tha là n eòlais air ball-coise a chluich aig à rd-ìre meadhan an tadhail agus ged a leum Trapp dhan là imh chlì, chuir aon de na casan aige stad air a' bhall. Bha luchd-taic Rangers air chrith.
Às dèidh do Frankfurt dà bhreab-pheanais a chur seachad air MacGriogair, thà inig aisling Rangers Lìog Europa a bhuannachadh gu crìch.
"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhaibh a bhith pròiseil agus gum bu chòir dhan a h-uile duine ann an Alba a bhith pròiseil oir chan eil sinn air seo fhaicinn airson bhliadhnaichean", thuirt an cluicheadair ball-coise Calum Fearghastan.
"Airson bhliadhnaichean, bha sinn a' bruidhinn mu dhèidhinn na staing sa gheama againn, ach a-nis tha aon de na sgiobaidhean againn air ais aig à rd-ìre anns an Roinn Eòrpa, agus cuideachd an sgioba nà iseanta a' fàs nas fheà rr thairis air na bliadhnaichean cuideachd.
"Bu chòir pròis a bhith againn," thuirt e.