Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Taghadh Chupa Eilean an Fhraoich
Le seusan ùr a' bhuill-choise ionadail a-nise air fà ire chaidh an taghadh a dhèanamh oidhche Mhà irt airson Chupa Eilean an Fhraoich.
Tha trì bliadhna bho bha an fharpais ann mu dheireadh.
'S iad am Bac a thog an cupa ann an 2019 is iad a' soirbheachadh 2-0 an aghaidh an Rubha sa chuairt dheireannaich.
B' e sin a' chiad turas bho 2003 a bha na Bacaich air an cupa ainmeil a bhuannachadh.
Às dèidh a h-uile dad a tha air tachairt san dà bhliadhna mu dheireadh, tha fadachd air a h-uile duine ann am ball-coise Leòdhais is na Hearadh gum bi an fharpais seo air ais.
"Tha mi a' smaoineachadh gum bi daoine a' coimhead air adhart ris", thuirt Coinneach MacLeòid bho Chomann Ball-coise Leòdhais agus na Hearadh.
"Ged a chaidh an taghadh a dhèanamh 'son 2020, gu mì-fhortanach chuir Covid stad air an fharpais gabhail à ite. An-uiridh, leis gur e seusan goirid a bh' ann, cha deach an fharpais a chluich.
"Bidh e math fhaicinn air ais. 'S e an fharpais as aosda ann am ball-coise Leòdhais is na Hearadh agus an fharpais a tha sgiobanan an tuath gu mòr airson buannachadh bliadhna an dèidh bliadhna", thuirt e.
Bha beagan eachdraidh ann an 2019 is sgioba Ùige & Bheà rnaraigh a' tilleadh gu Cupa Eilean an Fhraoich 'son a' chiad turas bho 1986.
Chaill iad 8-2 ris an Rubha thairis air dà gheama, ged a bhuannaich na h-Ùigich an dà rna geama 2-0.
Cha bhi sgioba Ùige & Bheà rnaraigh a' farpais am-bliadhna, ach tha seachd sgiobaidhean eile is tha an taghadh mar a leanas:
A' Chiad Chuairt (30mh den Chèitean agus 6mh den Òg-mhios)
Na Lochan - Nis
Am Bac - An Taobh Siar
CÃ rlabhagh - An Rubha
Na Hearadh dìreach dhan ath-chuairt
Iar-chuairt Dheireannach (13mh den Ògmhìos agus 20mh den Òg-mhios)
Am Bac/An Taobh Siar - Na Lochan/Nis
Na Hearadh - CÃ rlabhagh/An Rubha
Bidh a' chuairt dheireannach ann air an 29mh den Iuchar ann an Col Uarach.