Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Linn ùr ann am Baile Udain
Tòisichidh seusan ùr na h-iomain Disathairne agus am measg nan sgiobaidhean a tha a' deasachadh airson tilleadh dha na lìogan à bhaisteach, bidh sgioba nam fear aig Baile Udain an sàs sna lìogan farpaiseach airson a' chiad uair a-riamh.
Tha sgioba bhoireannach mu thrà th aig a' chluba is iad an sàs ann an Lìog Meadhain nam Ban ach bha miann ann sa sgìre airson sgioba fhireannach cuideachd.
Le baga là n chamain na là mh, thòisich Lee MacThòmais à Loch nam Madadh a' teagasg aig Sgoil Bhaile Udain is e airson cothrom spòrs ùr fheuchainn a thoirt dha na sgoilearan aige.
Cha robh eòlas sam bith aca air iomain ach, beag air bheag, dh'fhàs an à ireamh de sgoilearan aig na seiseanan-trèanaidh a chur Lee air dòigh aig à m-lòin dhaibh.
Ùidh mhòr
Cha robh ann ach cur-seachad an toiseach, ach leis gun robh ùidh cho mòr aig na h-òganaich sa spòrs às dèidh dhaibh an sgoil fhà gail, ghabhadh cluba fa leth a chur air dòigh.
Agus ann an 2019, bha Sgioba Bhaile Udain an dùil a bhith a' cluich ann an lìogan nam fear.
Chuir an glasadh-sluaigh stad air sin ge-tà agus bha aca ri feitheamh chun t-seusan seo gus pà irt a ghabhail ann an Lìog a Dhà aig Deas.
Tha fadachd air a' chluicheadair Adam Mac a' Bheatha tòiseachadh:
"Chanainn gur e rud glè chudromach a th' ann gu bheil sgioba nam fear ann air sgà th 's nach robh sgioba a-riamh ann am Baile Udain ron an seo.
Mar as trice thathar a' cluich iomain sa Ghà idhealtachd agus mar sin, 's e rud air leth sònraichte a th' ann gu bheil iomain ri fhaighinn sa sgìre seo", thuirt Adam.
Pà irc a dhìth
Tha pà irc fhathast a dhìth air a' chluba agus cluichidh iad na geamaichean aca air falbh bhon taigh airson greis gus am bi goireasan ceart ann dhaibh.
"Far a bheil sinn stèidhichte, chan eil mòran talmhainn mun cuairt oirnn.
Ach, tha sinn air còmhradh a thòiseachadh leis a' chomhairle gus à ite a lorg a bhiodh freagarrach airson pà irc iomain", thuirt Lee MacThòmais.