Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Barrathon a' dol à bith
Tha a h-uile coltas ann gu bheil rèis Barrathon a' dol à bith.
Aig AGM na buidhne ann am Barraigh oidhche Mhà irt dh'fhà g a h-uile duine a bha air a' chomataidh.
Thuirt iad gun robh iad gu mòr an dòchas gun tigeadh feadhainn eile air adhart gus an leth-mharathon a ghabhail os là imhe agus am Barrathon a chumail a' dol.
Cha do thachair sin agus a' chomataidh a bh' ann a-nise air a dhol ma sgaoil.
µþ°ù¾±²õ±ð²¹»å³ó-»åù¾±±ô
Gheall iad brath oifigeil a dh'aithghearr.
Chaidh am Barrathon a stèidheachadh gus a' bhliadhna 2000 a chomharrachadh is bha e cho soirbheachail is gun do lean e bhon uairsin.
Chaidh mòran air na meadhanan sòisealta oidhche Mhà irt 'son innse gur e briseadh-dùil mòr a bh' ann dhaibh cluinntinn gu bheil an rèis a' dol à bith.